Sorley MacLean


Somhairle MacGill-Eain agus Ùisdean MacDhiarmaid air Whalsay an 1935. Thachair an dithis bhàrd airson a’ chiad uair nuair a bha Somhairle MacGill-Eain a’ cur crìoch air oideachas aig Moray House Colaisde Thrèanadh Thidsearan. An 1934, bha ùidh aig Ùisdean MacDhiarmaid, mar tha, ann am bàrdachd Ghàidhlig agus gu sònraichte ann am bàrdachd a’ bhàird Sheumasaich, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, a bhuinneadh dhan 18mh linn. (Teaghlach Chlann MhicGill-Eain)