Dà Dhòmhnallach
’Na do ghaisgeach mòr làidir,
’nad churaidh measg nan curaidhean,
dhùin thu geata Hougomont.
Dhùin thu ’n geata ’s air a chùlaibh
rinn do bhràthair an spùilleadh.
Thog e tuath an Gleann Garadh,
am beagan a bh’ air fhàgail dhiubh,
is thog e tuath mu Cheann Loch Nibheis
is thog e tuath an Cnòideart.
Cha b’ fheàrr e na Fear Dhùn Bheagain:
rinn e milleadh air Cloinn Dòmhnaill.
Dè rinn thusa ’n uair sin,
a churaidh mhòir làidir?
Feuch na dhùin thu aon gheata
an aodann do ghalla bràthar?
Bha ann rid linn-sa fear eile,
curaidh eile de Chloinn Dòmhnaill,
curaidh Bhàgram, Leipsich, Hanau.
Cha chuala mi gun do thog esan
aon teaghlach mun Mheuse
no mu abhainn eile.
Cha d’ rinn esan milleadh
air Frangaich no air Dòmhnallaich.
Nach bochd nach tàinig esan
le Bonaparte a-nall.
Cha thogadh esan tuath
air sgàth nan caorach òraidh,
’s cha mhò chuireadh esan gaiseadh
ann an gaisge mhòir Chloinn Dòmhnaill.
Nach bochd nach robh esan
’na dhiùc air Tìr an Eòrna
is ’na phrionns’ air Albainn.
Nach bochd nach tàinig esan
le Bonaparte a-nall
fichead bliadhna mun dàinig,
cha b’ ann a dh’èisteachd sodail
on t-sliomaire sin Bhàtar
no a chruinneachadh na h-ùrach
às an t-seann làraich,
ach a chur an spionnaidh ùrair
ann am fuidheall a chàirdean.
Nach bochd nach tàinig esan
gu cobhair air a chàirdean.