Dol an Iar
Tha mi dol an iar san Fhàsaich
is mo thàmailt air mo ghuaillean,
gun d’ rinneadh a’ chùis-bhùrta dhìom
on a bha mi mar bu dual dhomh.
An gaol ’s an t-iomrall bu mhotha,
an onair mheallta, mo mhilleadh,
le sgleò na laige air mo lèirsinn,
claonadh an èiginn a’ chinne.
’S fhada bhuamsa an t-Eilean
is gealach ag èirigh air Catàra,
’s fhada bhuam an Àird Ghiuthais
is rudhadh maidne air an Fhàsaich.
Tha Camas Alba fada bhuam
agus daorsa na Roinn-Eòrpa,
fada bhuam san Àird an Iar-thuath
na sùilean glas-ghorma ’s bòidhche.
’S fhada bhuamsa an t-Eilean
agus gach ìomhaigh ghaoil an Alba,
tha gainmheach choigreach anns an Eachdraidh
a’ milleadh innealan na h-eanchainn.
’S fhada bhuam Belsen ’s Dachau,
Rotterdam is Cluaidh is Pràga,
is Dimitrov air beulaibh cùirte
a’ bualadh eagail le ghlag gàire.
Tha Guernica fhèin glè fhada
bho chuirp neoichiontach nan Nàsach
a tha ’nan laighe ann an greibheal
’s an gainmhich lachdainn na Fàsaich.
Chan eil gamhlas ’na mo chridhe
ri saighdearan calma ’n Nàmhaid
ach an càirdeas a tha eadar
fir am prìosan air sgeir-thràghad,
a’ fuireach ris a’ mhuir a’ lìonadh
’s a’ fuarachadh na creige blàithe,
agus fuaralachd na beatha
ann an grèin theth na Fàsaich.
Ach ’s e seo an spàirn nach seachnar,
èiginn ghoirt a’ chinne-daonna,
’s ged nach fuath leam armailt Roimeil,
tha sùil na h-eanchainn gun chlaonadh.
Agus biodh na bha mar bha e,
tha mi de dh’fhir mhòr’ a’ Bhràighe,
de Chloinn Mhic Ghille Chaluim threubhaich,
de Mhathanaich Loch Aills nan geurlann,
agus fir m’ ainme – cò bu trèine
nuair dh’fhadadh uabhar an lèirchreach?