Reothairt
Uair is uair agus mi briste
thig mo smuain ort is tu òg,
is lìonaidh an cuan do-thuigsinn
le làn-mara ’s mìle seòl.
Falaichear cladach na trioblaid
le bhodhannan is tiùrr a’ bhròin
is buailidh an tonn gun bhristeadh
mum chasan le suathadh sròil.
Ciamar nach do mhair an reothairt
bu bhuidhe dhomh na do na h-eòin,
agus a chaill mi a cobhair
’s i tràghadh boinn’ air bhoinne bròin?
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|