Air Chluaineas (1981-1996) |
 |
Lean cliù Shomhairle MhicGill-Eain air fàs gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta anns na bliadhnaichean seo: bha a bhàrdachd air a h-eadar-theangachadh gu cànanan eile, agus bha e a' cosnadh cliù mar bhàrd cha b' ann an Alba agus an Èirinn a-mhàin, ach anns an Roinn Eòrpa, Ameireaga a Tuath agus an Astràilia. Mar a thuirt an Àrd-Ollamh Uilleam MacIllIosa, ‘Tha an euchd seo gu sònraichte annasach seach gun do
|
 |
roghnaich e sgrìobhadh ann an cànan a th' air a labhairt le nas lugha na ceud mìle neach.’ Thug Oilthighean ceuman urramach do Shomhairle MacGill-Eain a' cur luach air a thàlantan agus a shaothair às leth litreachais, agus bha iarrtas air bho gach ceàrn den t-saoghal airson a bhàrdachd a leughadh agus òraidean a lìbhrigeadh. Bhiodh mòran aig nach robh facal Gàidhlig a' tighinn a dh' èisdeachd a bhàrdachd dìreach
|
airson gun cluinneadh iad a ghuth tarraingeach - bha e mar gu robh na faireachdainnean a ghluais gu bàrdachd e a' tighinn beò a-rithist mar a bha e ag aithris. |
 |
An 1985, chaidh an rosg agus na sgrìobhaidhean sgrùdail aig Somhairle MacGill-Eain an cruinneachadh ann an Ris a' Bhruthaich, a bh' air a dheasachadh leis an Àrd-Ollamh Uilleam MacIllIosa agus air fhoillseachadh le Acair an Steòrnabhagh. Ceithir bliadhna an dèidh sin, an 1989, chaidh a dhàin chruinnichte an Gàidhlig is am Beurla, O Choille gu Bearradh fhoillseachadh le Carcanet. Bha an leabhar air a choisrigeadh da bhean, |
Rìnidh, agus sgrìobh e ro-ràdh cudromach ann far an do mhìnich e mòran de chreideas bàrdail '..... chan eil am bàrd proifeiseanta "làn-aimsireil" a' freagairt ormsa agus cha robh riamh. Ma cheadaicheas an tìde dhomh, tha mi a' beachdachadh air rud gus an tig ruitheam, cha mhòr mar ròp teanna gus a dhol tarsainn mòr-bheàrn na sàmhchair. Tha mi a' dol air adhart leis, cho fad ’s a chì mi, gun mhothachadh.' |
Bha bàs an dàrna nighinn, Caitrìona, glè òg, na bhriste-cridhe dha, agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha bha e fhèin agus a bhean nan taic seasmhach dom mac-cèile agus dhan triùir ogha a bh' air am fàgail gun mhàthair cho òg.
 |
Air am 24mh den t-Samhain 1996, is gun e air a bhith fada a' gearrain, chaochail Somhairle MacGill-Eain ann an Ospadal na Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, aig ceithir fichead is a còig bliadhna dh' aois. B' e buille chruaidh a bh' ann oir b' e a ghuth-san guth fìor na Gàidhealtachd agus nan Gàidheal', 23 agus bha an liuthad iomradh-bàis a chaidh a sgrìobhadh nam fianais air a' mheas agus an spèis a bh' aig daoine dha.
|
 |
'S dòcha gum bu chòir dhuinn am facal mu dheireadh fhàgail aig Iain Mac A' Ghobhainn, mar a thuirt e an 1973: 'Nuair a thig an seòrsa bàrdachd seo mur coinneamh, chan urrainn dhuinn ach iongnadh a ghabhail gu bheil an leithid ann..... Oir chan e dìreach faclan a th' anns a' bhàrdachd seo: 's e th' ann ach an dà chuid faclan agus ceòl còmhla, 's ann mar seo a bu mhath leinn bàrdachd a bhith'
|
Tha am fiosrachadh seo stèidhichte air a' chatalog a bh' air fhoillseachadh co-cheangailte ris an taisbeanadh ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain a chaidh a chur air bhonn a chomharrachadh na bliadhna a bha e trì fichead 's a deich an 1981. Bha e fhèin gu mòr an luib deasachadh an taisbeanaidh. Tha sinn fada an comain Rìnidh, bean Shomhairle MhicGill-Eain, airson cuideachadh le na deitichean a bhuineadh do na h-amannan anns an robh iad a' fuireach ann an Dùn Èideann agus anns a' Phloc.
|