Nuair a leig e dheth a dhreuchd mar neach-teagaisg an 1972, bha mòr iarrtas air Somhairle MacGill-Eain mar òraidiche agus aig leughaidhean bàrdachd. Mar a bha a chliù a’ dol am meud gu h-eadar-nàiseanta, bha a’ bhàrdachd ga h-eadar-theangachadh gu mòran chànan eile, agus ged a bha na bliadhnaichean torrach mar bhàrd a-nis seachad, bha a chliù a’ sìor dhol am meud tro na 1970an, 1980an agus 1990an mar a bha barrachd is barrachd dhaoine a’ faighinn eòlas air a bhàrdachd. Mun do chaochail e an 1996, bha Somhairle MacGill-Eain air aithne a chosnadh dha fhèin gu h-eadar-nàiseanta mar fhear de shàr bhàird na h-Alba. Chaidh luach a bhàrdachd a mheas glè thràth na bheatha agus bha seo gu sònraichte fìor an Èirinn, agus tha an earrann seo a’ nochdadh mar a chaidh gabhail ris a’ bhàrdachd an Èirinn, agus an dèidh sin ann an dùthchannan leithid Chanada, agus air mòr-thìr na h-Eòrpa.
Tha stuth airson na h-earrainn seo fhathast ga sgrùdadh agus nochdaidh e mar a thèid a dheasachadh.
|