|
Seamus O Conghaile air a mharbhadh le luchd-làmhaich an dèidh dha a bhith an lùib Ar-a-mach na Càisg an 1916 an Èirinn (O Conghaile air ainmeachadh ann an ‘Ùrnaigh’, ‘An Cuilithionn’, ‘Am Botal Briste’, ‘Àrd-Mhusaeum na h-Èirinn’, ‘Aig UaighYeats’). Tha Pàdraig Pearsach, gaisgeach eile bha an lùib Ar-a-mach na Càisg agus a chaidh a chur gu bàs, air ainmeachadh anns ‘An Cuilithionn’. |
Chaidh e don bhun-sgoil an Ratharsair an 1918, agus bha e innte bho 1918-1924. |
|
|
Karl Leibknecht, sòisealach Gearmailteach agus fear de stèidheadairean Pàrtaidh Chomannach na Gearmailt (KPD). Chaidh a mhurt an 1919 le buidheann de Mhailisidh Gearmailteach den sgiath deas (air ainmeachadh anns ‘An Cuilithionn’ agus ‘Sgatham…’) |
|
Vladimir Lenin fear de stèidheadairean An Comintern no Comannach Eadar-Nàiseanta an 1919 (Lenin air ainmeachadh ann ‘Am Buaireadh’, ‘An Cuilithionn’, ‘Eadh is Fèin is Sàr-fhèin’). |
|
Alexander Blok, am bàrd liriceach tàlantach Ruiseanach a chaochail an 1921(air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’). |
|
Benito Mussolini a stèidhich am Pàrtaidh Faisisteach agus a thàinig gu bhith na Phrìomh Mhinistear Na h-Eadailt an 1922 an dèidh ‘ A’ Mhèarrs don Ròimh’. |
|
Iòsaph Stalin a rinneadh na Àrd-rùnaire air Prìomh-chomataidh Pàrtaidh Chomannach na Ruis ( Bolsheviks) an 1922. |
|
Bhrist sia air fhichead siorrachd de dh’ Èirinn air falbh bho Rìoghachd Aonaichte Bhreatainn Mhòir is Èirinn gus Poblachd na h-Èirinn a stèidheachadh an 1922. |
An dèidh làimhe dh’ aidich Somhairle MacGill-Eain gun ‘do leig e bhuaithe dualchas Chalvin agus gun do ghabh e ri Soisealachd’ mu 1923 nuair a bha e fhathast anns an sgoil an Ratharsair. |
Iain MacGill-Eain à Glaschu a chaochail an 1923. Shaothraich e gu làidir airson còraichean luchd-obrach agus bha e na neach-tagraidh do Karl Marx an Alba. (Bha MacGill-Eain air ainmeachadh ann ‘Clann Ghill-Eain’, ‘An Cuilithionn’, ‘Am Botal Briste’). |
Dh’ fhàg e Ratharsair airson a dhol a dh’ Àrd-sgoil Phort Rìgh an1924 |
Giacomo Matteotti, neach-poilitigs sòisealach Eadailteach a chaidh a mhurt an 1924 (air ainmeachadh ann, ‘An Cuilithionn’). |
Choisinn e Farpais Sgoilearachd Oil-thigh Dhùn Èideann an 1929 . |
Jawaharlal Nehru, Ceann-suidhe Còmhdhail Nàiseanta nan Innseachan nuair a sgaoil e bratach neo-eisimeileach nan Innseachan anns an Dùbhlachd 1929. (air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’). |
Dh’ fhàg e Ratharsair as t-Fhoghar 1929 a’ dol a dh’ Oilthigh Dhùn Èideann a dhèanamh Beurla. |
The Great Depression – bho 1929 agus a’ mhòr-chuid de na 1930an. |
|
Mahatma Gandhi – stiùir e a’ mhèarrs ainmeil ann an 1930 an aghaidh cìs an t-salainn (Gandhi air ainmeachadh ann ‘An Cuilithionn’) |
Sgrìobh am bàrd ‘A’ Chorra-ghritheach’ an 1931, fear de na dàin Ghàidhlig a bu tràithe a sgrìobh e. |
|