Tha mòran dhaoine fa leth agus mòran bhuidhnean air taic fialaidh a chur ri deasachadh Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.
Bu mhath le Urras Shomhairle agus leis a’ Bhòrd Stiùiridh taing a thoirt, anns a’ chiad àite, do theaghlach a’ bhàird, gu h-àraidh don Bhean-phòsta Rìnidh NicGill-Eain, airson an cuideachadh agus am misneachadh, agus airson cead stuthan luachmhor a chleachdadh ann an Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.
Tha Clò Carcanet Erranta agus, gu sònraichte , an t-Àrd-Ollamh Michael Schmidt airidh air taing chridheil airson cead na dàin Ghàidhlig gu lèir anns an obair chruinnichte aig Somhairle MacGill-Eain O Choille gu Bearradh (1999) a chur air Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne, agus cuid de dh’eadar-theangachaidhean Beurla.
Airson cuideachadh sònraichte ann a bhith a’ deasachadh Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne tha na leanas airidh air taing chridheil:
Iain Dòmhnallach, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean, a ghabh os làimh an obair chruinnichte aig Somhairle MacGill-Eain, mar a bha e air fhoillseachadh anns an lethbhreac de O Choille gu Bearradh aig Carcanet a nochd an 1999, a chur ann an litreachadh an latha an-diugh; thug e cuideachd comhairle air mar bu chòir an liosta de dh’ ainmean-àite Gàidhlig a bhith air an litreachadh, agus mòran cuideachaidh eile a’ bharrachd.
Cailean MacGill-Eain, mac bràthair a’ bhàird, a thug cead fialaidh dhuinn na dealbhan aige a chur gu feum. Tha an luach a chuir esan air na seallaidhean-tìre anns an Eilean Sgitheanach agus an Ratharsair, aig an robh leithid de bhuaidh air Somhairle MacGill-Eain agus air a chuid obrach, a’ cur gu mòr ris an dealbhadh.
Chuidich mòran dhaoine is bhuidhnean eile ann an iomadach dòigh, air am brosnachadh leis a’ mheas agus an spèis a bh’ aca do Shomhairle Mac-Gill-Eain agus a chuid obrach, agus tha iad airidh air taing chridheil airson an co-obrachadh agus an taic:
Timothy Neat airson cead diofar earrannan às am fiolm aige ‘Hallaig’ a chleachdadh, agus airson dealbhan de Shomhairle Mac-Gill-Eain. Niall Friseal, Cuillin Films Earranta, airson cead earrann den aithriseachd, ‘Somhairle MacGill-Eain’, a chleachdadh. Scottish Screen airson cead earrann à ‘Sorley MacLean’s Island’ a chleachdadh. Sgoil Eòlais na h-Alba airson clàraidhean den bhàrd a’ leughadh ‘An Roghainn’, ‘Ban-Ghàidheal’, ‘Calbharaigh’, ‘Gaoir na h-Eòrpa’, ‘Glac a’ Bhàis, agus ‘Hallaig’;
Teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain airson cead mòran dhealbhan teaghlaich a chleachdadh; Gordon Wright airson cead na dealbhan a thog e de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh; Jessie Ann Matthew airson cead na dealbhan a thog i de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh; Sam Maynard airson cead an dealbh a thog e de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh; An Dotair Julian Toms airson cead an dealbh a thog e de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh; Lida Moser airson cead an dealbh a thog i de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh; Craig MacAoidh airson cead an dealbh a thog e de Shomhairle MacGill-Eain a chleachdadh;
An t-Ollamh Iain MacAonghais agus Birlinn Earranta airson cead dà aiste a chleachdadh, (‘Language, Metre and Diction in the Poetry of Sorley MacLean’ agus ‘Sorley MacLean’s Hallaig: a note’) à Dùthchas nan Gàidheal (Dùn Èideann 2006); Mgr Brendan Devlin airson cead an aiste aige a chleachdadh, ‘In Spite of Sea and Centuries: An Irish Gael Looks at the Poetry of Sorley MacLean’; An t-Ollamh Joy Hendry airson cead an aiste aice a chleachdadh, ‘Sorley MacLean: The Man and his Work’; John Herdman airson cead an aiste aige a chleachdadh, ‘The Ghost Seen by the Soul: Sorley Maclean and the Absolute’; Teaghlach Dhòmhnaill Eàirdsidh Dòmhnallach nach maireann airson cead an aiste aige a chleachdadh, ‘Some Aspects of Family and Local Background: an interview with Sorley MacLean’; Acair Earranta airson cead grunn aistean à Ris a’ Bhruthach a chleachdadh, ‘Aspects of Gaelic Poetry’, ‘My Relationship with the Muse’, ‘Notes on Sea Imagery in Seventeenth Century Gaelic Poetry’, ‘Old Songs and New Poetry’, and ‘The Poetry of the Clearances’); An t-Urr. Terence McCaughey airson cead an aiste aige a chleachdadh, ‘Sorley MacLean: Continuity and Transformation of Symbols’; An t-Ollamh Meg Bateman airson cead an aiste aice a chleachdadh, ‘Skye and Raasay as Symbol in the Poetry of Sorley MacLean’; Maoilios Caimbeul airson cead an aiste aige a chaidh a coimiseanadh a dh’ aon ghnothach a chleachdadh, ‘Feartan ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain’; Alasdair MacRath airson cead an aiste aige a chaidh a coimiseanadh a dh’ aon ghnothach a chleachdadh, ‘Sorley MacLean in non-Gaelic Contexts’; An t-Ollamh Seamus Heaney airson cead an t-eadar-theangachadh aige air ‘Hallaig’ a chleachdadh; Iseabail NicGill-Eain, An t-Ollamh Wilson MacLeòid, An t-Ollamh Crìsdean Whyte, Comann Eòlais Litreachas na h-Alba agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson cuideachadh leis an Leabhar-chlàr; An t-Ollamh Crìsdean Whyte agus an t-Àrd-Ollamh Uilleam MacGillIosa airson comhairle fheumail; Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson cead an leabhran bhon taisbeanadh ‘Somhairle MacGill-Eain/Sorley MacLean’ ann an 1981 a chleachdadh; Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Oilthigh Dhùn Èideann airson cead ceangal le Leabhar-chlàr Litreachas na h-Alba air Eadar-theangachadh (BOSLIT) a chleachdadh; An t-Ollamh Arnott Wilson agus an t-Ollamh Grant Buttars, Tasglann Oilthigh Dhùn Èideann; An t-Ollamh Murray Simpson agus Robin Smith, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba; An t-Ollamh Robyn Marsack, Iain Murray agus Elizabeth MacGregor, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba; Denista Petrova, Fandango Design airson Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne a chruthachadh; Luchd-obrach Sabhal Mòr Ostaig, OGE, airson an saothair agus an taic.
Ar Com-pàirtichean
Luchd Maoineachaidh
Bu mhath le Urras Shomhairle a dhèanamh soilleir cho taingeil is a tha iad airson an taic ionmhasail luachmhor a fhuair iad bho Leader +, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, Awards for All agus Comunn na Gàidhlig.
Leader + - http://www.ukleader.org.uk/
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig – http://www.gms.org.uk/
Bòrd na Gàidhlig – http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/
Awards for All – http://www.awardsforall.org.uk/
Comunn na Gàidhlig – http://www.cnag.org.uk/
Buidheannan
Tha sinn an comain nam buidheannan a leanas airson an cuideachaidh, agus airson cead ceanglaichean ri na làraich-lìn aca a chleachdadh:
Acair Earranta – http://www.acairbooks.com/
Birlinn Earranta – http://www.birlinn.co.uk/
Clò Carcanet Earranta – http://www.carcanet.co.uk/
Leabharlann Nàiseanta na h-Alba – http://www.nls.uk/
Sabhal Mòr Ostaig – http://www.smo.uhi.ac.uk/
Leabharlann Bàrdachd na h-Alba – http://www.spl.org.uk/
Meadhanan an Eilein Sgitheanaich – http://www.skye-media.com/
Comann Eolais Litreachas na h-Alba – http://www.arts.gla.ac.uk/ScotLit/ASLS/
Sgoil Eòlais na h-Alba – http://www.pearl.arts.ed.ac.uk/