Tha an Leabhar-chlàr fhathast ga chur ri chèile agus chan eil e coileanta aig an ìre seo. Tha e air a roinn ann an diofar earrannan. Tha na pìosan-obrach anns gach earrann às leth-oir a chèile a rèir na bliadhna a chaidh am foillseachadh, agus an òrdugh na h-aibideil an taobh a-staigh na bliadhna. Tha na pìosan-obrach anns na h-earrannan a tha a' dèiligeadh ri sgrìobhaidhean mu Shomhairle MacGill-Eain agus a bhàrdachd, iomraidhean Lìn, bàrdachd do Shomhairle MacGill-Eain agus tràchdais air an cur às leth-oir a chèile an òrdugh na h-aibideil a thaobh an ùghdair, agus an uair sin a rèir na h-ama airson gach ùghdar. Thoiribh an aire gum bheil litreachadh nan tiotalan air fad anns an leabhar-chlàr a' leantail an dreach anns an deach an sgrìobhadh no am foillseachadh an toiseach. Dhèante toileachadh ri tuilleadh fiosrachaidh no ri ceartachaidhean agus faodar an cur gu fios@somhairlemacgilleain.org.
Bu mhath leinn taing a thoirt do gach neach a chuidich le bhi a' cur ris an leabhar-chlàr, gu sònraichte, Iseabail NicGill-Eain, An t-Ollamh Wilson MacLeòid, An t-Ollamh Crìsdean Whyte, Comann Eòlais Litreachail na h-Alba, agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, agus cuideachd Oilthigh Dhùn Èideann agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson cead ceangal a dhèanamh ri Leabhar-chlàr Litreachas na h-Alba air Eadar-theangachadh. (BOSLIT an giorrachadh Beurla).
|