A’
Bheinn air Chall
Tha bheinn ag èirigh os cionn na coille,
air chall anns a’ choille th’ air chall,
is bhristeadh sinn air clàr ar grèine
on a tha na speuran teann.
Air chall ann an aomadh na coille
ìomhaighean ioma-dhathach ar spèis
a chionn ’s nach tèid na sràidean ciùrrte
’s a’ choille mhaoth an cochur rèidh.
A chionn ’s gu bheil Vietnam ’s Uladh
’nan torran air Auschwitz nan cnàmh
agus na craobhan saidhbhir ùrar
’nam prìneachan air beanntan cràidh.
Dè ’n t-sìorraidheachd inntinn san cuirear
Aimeireaga mu Dheas no Belsen,
agus a’ ghrian air Sgùrr Ùrain
’s a bhearraidhean geàrrte san t-sneachda?
Tha ’m bristeadh-cridhe mu na beanntan
’s anns na coilltean air am bòidhche,
ged tha ’n fhuil mhear gu luaineach
air mire bhuadhar san òigridh.
Sìorraidheachd Dhante is Dhùghaill
’na seann solas ùr aig beagan
agus neoni ghlas na h-ùrach
’na comhartachd chrìon phrann aig barrachd.
Pàrras gun phàrras a chuideachd,
imcheist a’ ghiullain Shaor-Chlèirich,
a ghearan is a dhiùltadh sàmhach
’nan toibheum an amhaich Sineubha;
agus an amhaich na Ròimhe
– ged tha Purgadair nas ciùine –
an robair eile air a’ chrann
is Spartacus le armailt chiùrrte.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil