A’ Chorra-ghridheach
Gealach fhann bhuidhe air fàire, |
|
cridhe ’n fhuinn gun phlosgadh gàire,
aognaidheachd a’ deanamh tàire
air uinneagan òir an cuan snàgach. |
Cha ghrinneas anfhann na gealaich |
|
no maise fhuaraidh na mara
no baoth-sgeulachd onfhaidh a’ chladaich
tha nochd a’ drùdhadh air m’ aigne. |
Anfhannachd an strì,
aognaidheachd am brìgh,
gealtachd anns a’ chrìdh,
gun chreideamh an aon nì.
|
|
Thàinig corra-ghridheach ghiùigeach, |
|
sheas i air uachdar tiùrra,
phaisg i a sgiathan dlùth rith’,
a’ beachdachadh air gach taobh dhith. |
’Na h-aonar ri taobh na tuinne |
|
mar thuigse leatha fhèin sa chruinne,
a ciall-se mar chèill an duine,
cothachadh lòin meud a suime. |
Inntinn luasganach a’ sireadh, |
|
feòil as luainiche air tilleadh,
luasgan is cadal gun drithleann,
ceòl is bruaillean is tràth mire. |
Tràth na mire an tràth shoilleir |
|
thig à eanchainn chiar na doille,
bristeadh fàire air an t-sealladh,
faite dìoclaidh anns a’ mhealladh. |
’S i air clachan loma tràghad |
|
ag amharc sleamhnachd cuain neo-bhàrcaich,
ag èisteachd ris an t-slugadh-mhara
is sàl a’ suathadh air na clachan. |
Leatha fhèin am meud na cruinne |
|
ge mòr a cleamhnas do-ruighinn,
sa bristeadh oirre às an doilleir
sitheadh an dè ghuirm shoilleir. |
Mise mar riut ’s mi ’nam ònar |
|
ag amharc fuachd na linne còmhnaird,
a’ cluinntinn onfhaidh air faoilinn
bristeadh air leacan loma ’n t-saoghail. |
Ciod mo smuain-sa thar a smuain-se: |
|
àilleachd gealaich is cuain luainich,
biadh is cadal agus bruadar,
eanchainn, feòil agus buaireadh? |
A h-aisling mhire le aon shitheadh |
|
tighinn ’na h-aimsir gun chrìonnachd,
gun bhròn, gun teagamh, ach aon mhireadh,
lagh dìreach neo-cham corra-gridhich. |
M’ aisling-sa air iomairt truaighe,
|
|
briste, cam, le lainnir buairidh,
ciùrrte, aon-drithleannach, neo-shuairce,
eanchainn, cridhe ’s gaol neo-shuaimhneach. |
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|