Aig Uaigh Yeats
Tha leac mòr leathann na h-uaghach
ort fhèin ’s air Deòrsa do bhean
eadar a’ mhuir is Beinn Ghulbain,
eadar an t-Sligeach ’s Lios an Daill;
’s tha do bhriathran mìorbhaileach
a’ tigh’nn le osaig o ghach taobh
le dealbh na tè òig àlainn
ann an teilifis gach raoin.
An guth binn air slios Beinn Ghulbain
on aon bheul cuimir òg
a thug a chliù o Dhiarmad
on chualas e air Grìne
’s air fàs ’na sgread le bròn
agus leis an fheirg uasail
is leis na h-euchdan còire
bu bhinn an cluais Ó Conghaile
’s an cluasan a sheòrsa.
Fhuair thusa ’n cothrom, Uilleim,
an cothrom dha do bhriathran,
on bha a’ ghaisge ’s a’ bhòidhche
’s an croinn bhratach tro do chliathaich.
Ghabh thu riutha air aon dòigh,
ach tha leisgeul air do bhilean,
an leisgeul nach do mhill do bhàrdachd,
Òir tha a leisgeul aig gach duine.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|