Alasdair MacLeòid
(Latha no dhà mun do thòisich ‘Batal Knightsbridge’,
chuala mi gu robh e air chall san Luingis-adhair.)
Eadar Tobruch is Bior Haicheim,
ged bha ’m bristeadh ’nar n-armailt,
bu tric bha mo smaoin ort
’s tu air chall anns a’ Ghearmailt
no san Fhraing ’s tu gun fhios ort,
fhir mhisneachail mheanmnaich,
’s tu cho còir agus uasal,
cho dàna is dealbhach.
Cha do thog an Tìr Leòdach
Leòdach no eile
a thug bàrr air an òigear
’s e cho èibhinn is sgoinneil,
agus dùbailt an càirdeas
ri seòrsa mo dhaoine:
mo chreach as motha dhen bhlàr seo
do cheann bàn bhith air faondradh.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|