Am Botal Briste
Tha ’m botal briste ’s an ràsar
an dòrn ’s an aodann a’ ghill’ òig
neo-’r-thaing Auschwitz is Belsen,
a dh’aindeoin na croiche ann an Sruighlea
agus na tèile ann an Glaschu
is tìodhlacadh MhicGill-Eain.
Tha na martairean ag èigheach
air gach taobh de dh’Abhainn Chluaidh,
’s ceud Ó Conghaile ’n Èirinn,
’s chan eil a choltas air Uladh
gun do lean Wolfe Tone Rìgh Uilleam.
Tha fuil dhòirte is feòil reubte
mu na Taighean Seara ’g èigheach
’s a’ mùchadh le sgreadan cruaidhe
guth nam martairean truagha.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|