An Crann Dubh
Tha crann-ceusaidh Chrìosda
’s e spiacadh cridhe na h-Eòrpa
fad rèis dà mhìle bliadhna,
a’ riabadh anama leònte;
’s tha lobhadh eucail siùrsaich
ga bhruthadh ’s e air seòl dubh
nach fhaic inntinn an àrdain
toirt bàrr air bodhaig bhreòite.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|