Chan e àilleachd . . .
Chan e àilleachd do dhealbha,
àilleachd cruth t’ aodainn,
àilleachd mo dhallabhrat
ged a dh’fhalbh i thar smaointean;
ach àilleachd an anama
bha dealbhach ’nad aodann,
àilleachd an spioraid,
smior cridhe mo ghaoil-sa.
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|