Eadh is Fèin is Sàr-Fhèin
                              Chaidh na samhlaidhean leis a’  bhearradh
                                agus na h-ìomhaighean thar na  creige
                                is chailleadh iad air machair  fharsaing,
                                air cabhsair an rathaid dhìrich
                                om faic an reusan an fhìrinn.
                              Chan eil a’ mhachair idir  farsaing
                                agus tha an rathad lùbach,
                                is ged a tha sgurrachan a’  bhearraidh
                                corrach do threibhdhireas an  t-seallaidh,
                                chan fheàrr a’ choille throm  dhùmhail
                                ’s i fàs a mach à cnàimh an  rathaid,
                                às mo chluasan, às mo shùilean,
                                às mo bheul, às mo chuinnlein
                                ’s às gach bìdeig dem  chraiceann,
                                eadhon às an roinn bhig sin
                                a tha blàth os cionn mo chridhe.
                              Tha imcheist na machrach mòire
                                cho doirbh ri sgrurrachan na  dòrainn.
                                Chan eil buaidh air a’ mhachair
                                ’s chan eil bhith beò anns a’  choille.
                                
Chan fhuirich an cridhe air a’  mhachair;
                                ’s mòr as fheàrr leis a’ chridhe
                                (’s e cho càirdeach don spiorad)
                                bhith ’n crochadh air piotan ris  an stalla
                                is fear mòr ’na cheannard ròpa,
                                Calvin no Pàp no Lenin
                                no eadhon bragairneach brèige,
                                Nietzsche, Napoleon, Ceusair.
                              Tha Freud ’na bhàillidh air a’  choille
                                (tha ’n oifis aige àrd air  uirigh)
                                ’s air gach oighreachd nach  tuigear.
                                Cha mhoth’ airsan fear an ròpa
                                (an ròp e fhèin ’na  bhalg-sèididh):
                                sùil saoi air freumhaichean  cèine;
                                uirigh sa chreig chais uaibhrich
                                a’ toirt neo-’r-thaing do  choille ’n luasgain,
                                don choille fhìrinnich  ìochdraich,
                                don choille iriosail ’s i air  laomadh
                                le luibhean searbha dathte  mìlse.