Eaglais Chatharra
                              Tha eaglais chatharra ’na cheann
                                ag èigheach mu chor nan daoine
                                agus mu chor gach creutair
                                a tha fulang pian na feòla
                                agus goirteas an spioraid
                                ris an can sinn an cridhe.
                              Tha i cnàmhan fad na tide
                                nuair nach eil i ag èigheach
                                mun nighinn ionraic sa chansair
                                ’s mun t-siùrsaich ’na h-eucail,
                                mun mhartair air inneal-ciùrraidh
                                agus a chliù am beul na brèige.
                              Tha a glaodh air mullach beinne
                                agus mùchte san  t-sùil-chruthaich
                                anns a’ bheul nach fhaigh an  èisteachd,
                                mun t-saoi ’s mun churaidh gun  ainm
                                ’s mun mhartair nach cluinnear  sgeul air.
                              Tha ’sùil gun chadal gun tàmh
                                air an truaghan ionraic  chlaoidhte
                                ’s air a’ mhurtair chaothaich
                                nach do dh’iarr a bhreith,
                                air maodal theann an leanaibh
                                ’s i gu sgàineadh leis a’ ghort;
                                air a’ chalar sgreamhaidh
                                ’s air a’ chansair oillteil,
                                air cràdh do-ghiùlain aona  chreutair.
                              Air na seòmraichean gas,
                                air gach Belsen  a bh’ ann,
                                air bom an dadmain is an  neodroin
                                ’s air an lèirchreach nach  fhaigh cainnt.