Fuaran 
                              Tha cluaineag ann an iomall  slèibh 
                                far an ith na fèidh lus  biolaire; 
                                ’na taobh sùil uisge mhòr rèidh, 
                                fuaran leugach cuimir ann. 
                              Air latha thàinig mi lem ghaol 
                                gu taobh a’ chaochain  iomallaich, 
                                chrom i h-aodann sìos ri  bhruaich 
                                ’s cha robh a thuar fhèin tuilleadh  air. 
                              Ràinig mi a’ chluaineag chèin 
                                a-rithist leam fhèin iomadh  uair, 
                                agus nuair choimhead mi san  t-srùthlaich 
                                cha robh ach gnùis tè m’ ulaidh  innt’. 
                              Ach bha na glinn is iad a’ falbh 
                                is calbh nam beann gun fhuireach  rium, 
                                cha robh a choltas air na  slèibhtean 
                                gum facas m’ eudail ulaidhe. 
                              
                                                          | 
                      
                      
                        * * *  
                                 
                                 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil  
                            |