Hallaig
                                ‘Tha tìm, am fiadh, an coille Hallaig’
                                Tha bùird is tàirnean air an uinneig
                                  trom faca mi an Àird an Iar
                                  ’s tha mo ghaol aig Allt Hallaig
                                  ’na craoibh bheithe, ’s bha i riamh
                                eadar an t-Inbhir ’s Poll a’ Bhainne,
                                  thall ’s a bhos mu Bhaile Chùirn:
                                  tha i ’na beithe, ’na calltainn,
                                  ’na caorann dhìrich sheang ùir.
                                Ann an Sgreapadal mo chinnidh,
                                  far robh Tarmad ’s Eachann Mòr,
                                  tha ’n nigheanan ’s am mic ’nan coille
                                  a’ gabhail suas ri taobh an lòin.
                                Uaibhreach a-nochd na coilich ghiuthais
                                  a’ gairm air mullach Cnoc an Rà,
                                  dìreach an druim ris a’ ghealaich –
                                  chan iadsan coille mo ghràidh.
                                Fuirichidh mi ris a’ bheithe
                                  gus an tig i mach an Càrn,
                                  gus am bi am  bearradh uile
                                  o Bheinn na Lice fa sgàil.
                                Mura tig ’s ann theàrnas mi a Hallaig
                                  a dh’ionnsaigh sàbaid nam marbh,
                                  far a bheil an sluagh a’ tathaich,
                                  gach aon ghinealach a dh’fhalbh.
                                Tha iad fhathast ann a Hallaig,
                                  Clann Ghill-Eain ’s Clann MhicLeòid,
                                  na bh’ ann ri linn Mhic Ghille Chaluim:
                                  chunnacas na mairbh beò.
                                Na fir ’nan laighe air an lèanaig
                                  aig ceann gach taighe a bh’ ann,
                                  na h-igheanan  ’nan coille bheithe,
                                  dìreach an druim, crom an ceann.
                                Eadar an Leac is na Feàrnaibh
                                  tha ’n rathad mòr fo chòinnich chiùin,
                                  ’s na h-igheanan ’nam badan sàmhach
                                  a’ dol a Chlachan mar o thùs.
                                Agus a’ tilleadh às a’ Chlachan,
                                  à Suidhisnis ’s à tir nam beò;
                                  a chuile tè òg uallach
                                  gun bhristeadh cridhe an sgeòil.
                                O Allt na Feàrnaibh gus an fhaoilinn
                                  tha soilleir an dìomhaireachd nam beann
                                  chan eil ach coitheanal nan nighean
                                  a’ cumail na coiseachd gun cheann.
                                A’ tilleadh a Hallaig anns an fheasgar,
                                  anns a’  chamhanaich bhalbh bheò,
                                  a’ lìonadh nan leathadan casa,
                                  an gàireachdaich ’nam chluais ’na ceò,
                                ’s am bòidhche ’na sgleò air mo chridhe
                                  mun tig an ciaradh air na caoil,
                                  ’s nuair theàrnas grian air cùl Dhùn Cana
                                  thig peilear dian à gunna Ghaoil;
                                ’s buailear am fiadh a tha ’na thuaineal
                                  a’ snòtach nan làraichean feòir;
                                  thig reothadh air a shùil sa choille:
                                  chan fhaighear lorg air fhuil rim bheò.