Iadhshlat 
                                Tha leth-cheud bliadhna on  bhuain 
                                  mi iadhshlat air a sàillibh, 
                                  dha mo shròin is dha mo shùil, 
                                  ìomhaigh chùbhraidh a bòidhche, 
                                  fada fada mun do thuig mi 
                                  gu bheil an gaol cho fèineil 
                                  ’s gun dall e sùilean an  spioraid 
                                  le aoibhneas sùil na feòla. 
                                Dà fhichead bliadhna on  chuireadh 
                                  truaighe nan truaighe ra  bòidhche, 
                                  agus on thug mi saor dha spiorad 
                                  buaidh nam buadh nach robh ann  idir, 
                                  colainn bhòidheach is spiorad  uasal 
                                  glant’ an teine na truaighe. 
                                Thuig mi an uair sin rud eile 
                                  nach do thuig mi roimhe, 
                                  mar a loisgeas an truaighe 
                                  ròs is iadhshlat a’ ghaoil, 
                                  luibhean mìlse na colainn 
                                  piocte le croman na truaighe, 
                                  ’s gum fàs gaol cridhe à gaol  feòla 
                                  agus gun toir an gaol cridhe 
                                  buaidh dhiomain air cor na  feòla. 
                                
                                                          | 
                      
                      
                        * * *  
                                 
                                 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil  
                            |