Irisleachd 
                                Mar riutsa tha m’ irisleachd 
                                  co-ionann rim uaill 
                                  agus tha m’ ùmhlachd is m’ àrdan 
                                  ’nan ceòl-gàire buan. 
                                Sleuchdt’ aig do chasan tha mo  spiorad 
                                  air chorra-bhioda àrd 
                                  agus tha pian is luasgan m’  aigne 
                                  ’nam bras-shuaimhneas tàimh. 
                                ’S ’nad fhaisge tha a’  chòmhdhail 
                                  a th’ agam rium fhèin 
                                  cho dlùth rium ri smior mo  chridhe 
                                  ’s e falbh air binnean cèin. 
                                Fhuair mi faoisgneadh às a’  chochall 
                                  a rinn cor mo rèis 
                                  is dhiùchd bàrr-gùc m’ anama 
                                  bho arraban ’na lèig. 
                                
                                                          | 
                      
                      
                        * * *  
                                 
                                 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama 
                          Sgrùd 
                            liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil  
                            |