Làrach Eaglais
                                The làrach eaglais san Ros  Mhuileach
                                  anns nach robh luchd-èisteachd
                                  no seirbheis cràbhaidh on latha
                                  a chuireadh Inbhir Chèitein.
                                Latha ’n tug uabhar ar cinnidh
                                  an leum àrd anns a’ bhiothbhuan,
                                  an cruinn-leum a rinn am  milleadh,
                                  a dh’fhàg an darach ’na chritheann.
                                Gearrar latha gu ruig buantachd
                                  mar a ghearrar màrmor ’s òr,
                                  anns a’ ghiorrad tha an sìneadh
                                  air am beir an gaol ’s a’  phròis.
                                Tha beatha fada ’n cuimhne bàis
                                  nuair ghearras euchd a’ bheatha  chuim:
                                  Niall Buidhe òg san leabaidh  ùrach
                                  ’s Eachann Ruadh an crèadhaich  thruim.
                                Ach dè mu na ceudan eile
                                  is ficheadan dhiubh cheart cho  àrd
                                  anns an spiorad rin  ceann-cinnidh
                                  is ri bràthair a’ bhàird?
                                
                                  * * * 
                                  
                                  
Sgrùd 
                            liosta nan dàn a rèir na h-ama
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil