Latha Foghair
’S mi air an t-slios ud
latha foghair,
na sligean a’ sianail mum chluasan
agus sianar marbh ri mo ghualainn,
rag-mharbh – is reòta mur b’ e ’n teas –
mar gum b’ ann a’ fuireach ri fios.
Nuair thàinig an sgriach
a-mach às a’ ghrèin,
à buille ’s bualadh do-fhaicsinn,
leum an lasair agus streap an ceathach
agus bhàrc e gacha rathad:
dalladh nan sùl, sgoltadh claistinn.
’S ’na dhèidh, an sianar marbh,
fad an latha;
am measg nan sligean san t-srannraich
anns a’ mhadainn,
agus a-rithist aig meadhan-latha
agus san fheasgar.
Ris a’ ghrèin ’s i cho coma,
cho geal cràiteach;
air a’ ghainmhich ’s i cho tìorail
socair bàidheil;
agus fo reultan Afraga,
’s iad leugach àlainn.
Ghabh aon Taghadh iadsan
’s cha d’ ghabh e mise,
gun fhaighneachd dhinn
cò b’ fheàrr no bu mhiosa:
ar leam, cho diabhlaidh coma
ris na sligean.
Sianar marbh ri mo ghualainn
latha foghair.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil