Muir-tràigh 
                                Chan eil mi strì ris a’ chraoibh nach lùb  rium 
                                  ’s cha chinn na h-ùbhlan air gèig seach  geug: 
                                  cha shoraidh slàn leat, cha d’ rinn thu m’  fhàgail: 
                                  ’s e tràigh a’ bhàis i gun mhuir-làn ’na  dèidh. 
                                Marbh-shruth na conntraigh ’nad chom ciùrrte 
                                  nach lìon ri gealaich ùir no làin, 
                                  anns nach tig reothairt mhòr an t-sùgraidh – 
                                  ach sìoladh dùbailt gu muir-tràigh. 
                                
                                  * * *  
                                   
                                   
                                  Sgrùd 
                                    liosta nan dàn a rèir na h-ama 
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil  
                                 
                             
                            
                             |