Nighean is Seann Òrain
                                ’S tu th’ ann a-rithist, àille  bhuadhmhor,
                                  le filleadh àmhghair agus  suaimhneis,
                                  leis an nì do-ruighinn buailte
                                  a dheilbh ar daoine anns an  uaigneas,
                                  às an anacothrom ’s às a’  bhuaireadh,
                                  gus na dhiùchd às am mìorbhail,
                                  dàrna leth na dh’fhanas  sìorraidh
                                  fhad ’s a mhaireas dùil g’ a  iarraidh,
                                  cluas g’ a chluinntinn, ’s guth  a shnìomhas
                                  ann am filleadh bhriathran dìomhair.
                                  Agus on tha thu ciùin is àlainn,
                                  fosgladh ’s a’ dùnadh sa  mhànran,
                                  a’ trèigsinn ’s a’ tilleadh ’s  ag àicheadh,
                                  ag èirigh ’s a’ tionndadh ’s a’  teàrnadh;
                                  ’s ged nach urrainn dhomh do  shloinneadh
                                  air beinn, air cladach no air  coille,
                                  mar a b’ àbhaist do mo  chuideachd
                                  san Eilean Sgitheanach no am  Muile,
                                  no an Ratharsair nan Leòdach
                                  no an Canada air fògradh;
                                  ’s ann a bheir thu bhuam mo  smuaintean
                                  do bhrìgh ’s nach fhaicear ort  an truaighe
                                  chosamhlach a th’ air gach aogas
                                  eile chithear leam san taobh  seo;
                                  ’s ann a tha thu mar nach  claoidheadh
                                  triall no tìm do cheangal  draoidhteach,
                                  mar gun seachnadh tu  ’mhuir-bhàthte
                                  leis am buail an cuan gun  tràghadh;
                                  ’s mar gun crathteadh dhìot an  sgìths ud
                                  th’ anns a’ bheinn nach gabh a  dìreadh,
                                  ’s nach fhaicear a mullach  lì-gheal
                                  leis a’ cheò air creachainn  sìnte.
                                Cò a dh’èireas anns a’ mhadainn
                                  ’s a chì ròs geal am beul an  latha?
                                  ’S cò a bheir an t-suil sa  chiaradh
                                  gu ’m faic e ’n ròs dearg san  iarmailt:
                                  duilleach no dhà air na speuran,
                                  an dà tha buan air na geugan?
                                  Cò chì luingeas air Caol Ìle
                                  nach tig an coinneamh  Cairistìona?
                                  No cò chì long sa Chuan Chanach
                                  nach eil a’ strì ri sgrìoban  geala,
                                  nach eil ag iarraidh gus a’  chala
                                  nach ruig tè seach tè ra  maireann,
                                  a cul air tìr Mhic Mhic Ailein,
                                  no air tìr Mhic Ghille Chaluim?
                                 
                                
                                  * * * 
                                  
                                  
                                  Sgrùd 
                                    liosta nan dàn a rèir na h-ama
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil