Palach
Bha uair ann a shaoil mi
nan tigeadh an t-Arm Dearg
tarsainn na Roinn-Eòrpa
nach biodh a’ chòmhdhail searbh:
nach b’ ann le teine-aighir
mar chunnacas ann am Pràg,
’s nach b’ e an curaidh oileanaich
a rachadh suas ’na smàl,
ach connadh crìon an airgid –
b’ e falaisgir an àigh –
le ola bhrèig nan uachdaran
ga sgliamadh air gach bàrr.
Tha corra shamhla cnocaireachd
mun Bhealltainn seo fo ghruaim.
Bha peilearan sa Phère Lachaise
a’ cnagadaich ’nan suain,
is gunnachan mun Bholga
is fuil ’s i reòta cruaidh
am bealaichean Ghuadarrama
’s air bruaich an Nèabha fhuair.
An ceòthran seo gan tachdadh
’s an lasair ris a’ chnàimh,
’na ghas o sheòmar Himmler,
’na neul os cionn Hiroshima
don spiorad a tha ’n sàs
a’ chridhe chòir ’s an treuntais;
’na argamaid aig sliomairean
’s iad cùirteil mun Taigh Mhòr,
’na mheirgeadh air na slabhraidhean
os cionn an Tatu Hò.
Chan eil ceann-teagaisg ’nam chainnt:
tha dusan Palach anns an Fhraing.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil