Pàrras Caillte: an Argamaid 
  (Eadar-theangachadh air Paradise Lost, Leabhar 1, Sreath  1-26)  
                              Mu chiad eas-ùmhlachd dhaoine  agus meas 
                                Na craoibh’ ud toirmisgte a thug  a blas 
                                Bàsail am bàs dhan t-saoghal ’s  ar n-uile lochd, 
                                Is chaill sinn Èden gus an  saorar sinn 
                                Le neach as moth’ air ais dhan  chathair àigh, 
                                Seinn thusa, cheòlraidh  nèamhaidh, thusa dheachd 
                                Air creachainn dhìomhair Òraib  no Shinài 
                                An cìobair ud a thug dhad  roghainn sluaigh 
                                Prìomh oilean mar a dh’èirich  talamh ’s nèamh 
                                A-mach à neonì; no mas e Sìon  Beinn 
                                As docha leat, no Siloa an  t-allt 
                                Tha faisg air teampall Dhè, à  sin a-mach 
                                Gaiream do chuideachadh dham  ranntachd dhàin, 
                                Nach àill air iteig mheadhanaich  dhol suas 
                                Os cionn na Beinn Ahònaidhich ’s  i ’n tòir 
                                Air nì do-fheuchainn ann an rosg  no rann. 
                                Ach thusa gu h-àraidh, Spioraid  Naoimh, len toil 
                                Os cionn gach teampaill cridhe  ionraic glan, 
                                Thoir teagasg dhomh, Òir ’s  aithne dhut. O thùs 
                                Bha thusa làthair, is le sgèith  mhòir sgaoilt’ 
                                Shuidh thu mar chalman air an  aigeann mhòir, 
                                Ga dèanamh torrach. Na tha annam dorcha 
                                Soillsich, na tha ìseal tog ’s  cùm suas 
                                A chum gu àirde mhòir a’  chuspair seo 
                                Gun dearbh mi freastal Dhè ’s  gum fìreanaich 
                                Mi dhòighean ris an t-sluagh gu  lèir. 
                                 
                                * * *  
                               
                                 
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn a rèir na h-ama 
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil  
                                 
                             
                            
                             |