Sgreapadal
                              Sgreapadal anns a’ mhadainn
                                ris a’ Chomraich ’s ris a’  ghrèin,
                                Sgreapadal a tha cho bòidheach,
                                a cheart cho bòidheach ri  Hallaig.
                                Cha chuirear briathran air  bòidhche,
                                cha dèanar dealbh no ceòl no dàn  dhi.
                              Sgreapadal anns a’ Chèitean
                                nuair nach eil an fhraineach òg
                                ach mu leth troigh a dh’àirde,
                                cha mhòr os cionn an fheòir.
                              Sgreapadal an crò ’s a’ bhuaile
                                le ballachan a deas ’s an iar ’s  a tuath,
                                agus an ear an linne
                                a-null gu Comraich Ma Ruibhe.
                              Tha cuimhne leth-mharbh air Ma  Ruibhe,
                                gun ach ainmean sgrìobhte marbh
                                air a’ chloinn ’s na fir ’s na  mnathan
                                a chuir Rèanaidh às an fhearann
                                eadar ceann a tuath na Creige
                                ’s an Caisteal a thogadh do  MhacSuain
                                no do Mhac Gille Chaluim
                                airson fòirneart agus dìon.
                              Uaine ruadh-chreagach is buidhe
                                tulaich gu fàire a’ Chùirn Mhòir
                                san àird an iar os cionn na  bruthaich
                                a’ teàrnadh gu lèanagan uaine,
                                ’s a’ choille ghiuthais dorcha  ’s uaine
                                tuath gus an ruig i ’n Caisteal
                                ’s na creagan liath-ghlas air a  chùl.
                              Agus mu dheas ceann Creag  Mheircil
                                ceudan troigh os cionn an  fheòir,
                                tùir is cuilbh is stìopaill
                                le bannan breaca liath-ghlas
                                ’nan gile clach-aoil ris a’  ghrèin.
                              Bruthach chas ’na càrnaich
                                an ear sìos o cheann na Creige
                                fo bheithe, caorann is feàrna;
                                ’s an Eaglais Bhrèige sa  mhuir-làn
                                nuair tha an reothairt ’na  buille.
                              Cha b’ e a breugan-se a bhrath  an sluagh
                                ri linn an diadhaire mhòir,
                                Rèanaidh, a thog an tuath
                                o cheithir bailtean deug
                                ann an Eilean nam Fear Mòra,
                                Ratharsair Mhòr nan Leòdach.
                              Dh’fhag Rèanaidh Sgreapadal gun  daoine,
                                gun taighean, gun chrodh ach  caoraich,
                                ach dh’fhàg e Sgreapadal  bòidheach;
                                ra linn cha b’ urrainn dha a  chaochladh.
                              Thogadh ròn a cheann
                                agus cearban a sheòl,
                                ach an-diugh anns an linnidh
                                togaidh long-fo-thuinn a turraid
                                agus a druim dubh slìom
                                a’ maoidheadh an nì a dhèanadh
                                smùr de choille, de lèanagan ’s  de chreagan,
                                a dh’fhàgadh Sgreapadal gun  bhòidhche
                                mar a dh’fhàgadh e gun daoine.
                              Taigh Mòr a’ Chlachain ’s na  fiachan
                                a thug e air Mac Gille Chaluim
                                trom air tuath gach baile;
                                agus Rèanaidh diadhaidh,
                                ged nach robh esan anns na  fiachan
                                leis na chuir an fhearas-mhòr
                                sac air Seumas Mac Gille Chaluim
                                agus fògairt air a mhac,
                                aig a’ mhiad is aig an loinn
                                a chuir iad ris an Taigh Mhòr.
                              Fuidheall beag dhe dhaoine
                                ann an Eilean nam Fear Mòra
                                is turraidean dubha san linnidh
                                eadar Sgreapadal ’s a’ Chomraich
                                a’ fanaid air leac Mhaoil Ruibhe
                                ’s air Uamha ’n Fhuamhaire ’n  Rònaigh
                                agus a sreathan beaga chlach,
                                suidheachain fhear is bhan is  cloinne
                                ag èisteachd ri Maighstir Ruairi
                                ag innse nach eil an seo baile  mhaireas,
                                Rèanaidh ann no Rèanaidh as.
                              Tha ’n linne gorm ris a’ ghrèin
                                agus na speuran rùiste
                                is bannan geala Creag Mheircil
                                a’ deàrrsadh anns an àird a deas
                                os cionn na coille beithe ’s  calltainn,
                                caorainn agus feàrna.
                                ’S os cionn nam bruthaichean  uaine
                                far a bheil an fhraineach òg
                                ’s am feur òg ’nam brat-làir
                                a-null gu taobh na coille  giuthais
                                a tha ruigheachd Caisteal  Bhròchaill.
                              Tha tùir eile air an linnidh
                                a’ fanaid air an tùr a thuit
                                dhe mullach Creag a’ Chaisteil,
                                tùir as miosa na gach tùr
                                a thog ainneart air an  t-saoghal:
                                pearasgopan ’s sliosan slioma
                                dubha luingeas a’ bhàis
                                a mharbh mìltean Nagasaki,
                                bàs an teis mhòir ’s na toite,
                              am bàs a dhèanadh an lèirchreach
                                eadhon air a’ bhòidhche
                                a dh’fhàs ann an Sgreapadal
                                agus a tha ann fhathast
                                a dh’aindeoin gnìomh dona  Rèanaidh,
                                a shannt is fhearas-mhòir.
                              Ach ’s e luingeas-fo-thuinn
                                agus an luingeas adhair
                                agus an dadman is an neodron!
                                Chan e bhochdainn mhall  chràiteach
                                an tìodhlac ach an lèirsgrios  obann
                                a thuiteas às an iarmailt
                                ’s a dh’èireas às gach bruthaich
                                ’s a leanas ris gach lèanaig  àlainn
                                eadar ceann a tuath na Creige
                                agus a’ choille ghiuthais
                                eadar Sgreapadal ’s an Caisteal. 
                              ’S e ’n sannt ’s an fhearas-mhòr
                                a dh’fhàg Sgreapadal gun daoine
                                agus bann iarainn nan lagh
                                a chuir grèim-teanchrach air an  t-sluagh,
                                a’ bagairt togail os an cionn
                                Cùirn Mhòra dhubha ’n acrais
                                is Creagan Meircil na gorta
                                air am fàs an fhraineach  phuinnsein
                                on cinn an rocaid mharbhteach,
                                bom idrigin is neodroin.
                              * * * 
                              
                                
                                Sgrùd 
                                  liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil