Tìm is Sgùrr Ùrain
                              A-nochd air gualainn Sgùrr  Ùrain,
                                air fras-mhullach Chinn t-Sàile,
                                os cionn ùrlar Ghlinn Seile,
                                cha dhamh no eilid mo mhànran.
                              ’S ann tha Iain Mac Mhurchaidh
                                sìos is suas air a’ chòrsa,
                                agus ceò Torra Laoighsich
                                buan fo choibhneas nan smeòrach.
                              Cluinnear Fearchar a’ Choire
                                le fead ceann a’ mheòir ann
                                agus Allt Rìgh na Tuaighe
                                ruith mu bhruachan bu nòs da.
                              Tha Donnchadh Mòr Torra  Laoighsich
                                air Sliabh an t-Siorraim san  àraich
                                agus Donnchadh nam Pìosan
                                an Inbhir Ìonaid na h-àrd-choill.
                              Tha Aonghas Og Ghlinne Garadh
                                an Clachan Dubhaich fon  starsaich,
                                agus Treas Làmh na h-Òlachd
                                fo fhòd Cnoc nan Aingeal.
                              Tha àrmainn Chloinn Mhathain
                                mu Ach an Dà Theàrnaidh,
                                is Clann MhicRath a’ dol  dhachaigh
                                a Chrò ainmeil Chinn t-Sàile.
                              Àrd-cheann bòidheach Sgùrr Ùrain
                                toirt na sùla thar linne
                                gu roinn eagagach Liathaich
                                agus crìochan Beinn Nibheis.
                              Tìm ’na stad air an aonaich
                                agus faoin ’na mo dheòin-sa,
                                on ’s co-ionann dom rùn-sa
                                luchd an-dè is a’ bhòn-dè.
                              Is co-ionann dom aire
                                na tha maireann no faondrach,
                                agus gaisge nan Sàileach
                                cho ùr ri àilleachd an aonaich.
                              Buidhe, buidhe don chloinn sin
                                fhuair an loinn seo mar  dhùthchas;
                                is gile alladh nan Sàileach
                                le geal-shneachda Sgùrr Ùrain.
                              Tìm ’na chuartagan gaoithe
                                mu chaisead nan leathad,
                                Tìm ’na chuartagan srutha
                                tighinn tuath tro Chaol Reatha;
                              giùlan luingeas Chloinn  Dòmhnaill
                                gu gleac còmhraig na Cailleach,
                                agus Uilleam Dubh Shìophort
                                suas an gleann chur a chatha;
                              tighinn le oiteag nan òran
                                is ’na cheò air na slèibhtean,
                                ’na dhriùchd air a’ chuimhne,
                                ’na bhristeadh tuinn air an  lèirsinn;
                              ’na dheigh air Sgùrr Ùrain
                                is ’na smùid air na h-àirdean
                                far bheil buadhan na h-Albann
                                ceithir-thimcheall Chinn  t-Sàile. 
                              * * * 
                              
                                Sgrùd 
                                liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil