Tìodhlacadh sa Chlachan
                                
                                  Dh’fhàg sinn an corp anns a’  Chlachan
                                ach càit an deachaidh an t-anam?
                              Cha duirt beul a’ Cheisteir guth
                                an robh an t-slighe geal no  dubh.
                              Ach, a rèir teagaisg ’s  aidmheil,
                                cha robh an còrr ann ri  chantainn.
                              Cha robh aon chomharradh air a  ghiùlan
                                gun dàinig a’ Bhreith às Ùr air.
                              Agus, a rèir an Abstoil Pòl,
                                cha d’ fhuair e gràs ged a bha e  còir.
                              Bha an duine ceart is bàidheil,
                                teò-chridheach, onarach is  càirdeil.
                              Ach dè b’ fhiach gach beus a b’  fheàrr dhiubh
                                ma dh’fhalbh an duine an Staid  Nàdair!
                              B’ e chuibhreann sìorraidheachd  gun dòchas,
                                corraich Dhè san t-sloc  dhòbhaidh.
                              Lasraichean mun cheann liath ud,
                                a’ chnuimh bhreun ’s an dosgainn  shìorraidh.
                              Bha chàirdean a thaobh na feòla
                                a’ cur nan ceap air gu dòigheil.
                              Ach nuair a dh’fhàg iad rèidh am  fàl,
                                b’ e ’n còmhradh iasgach, stoc  is bàrr.
                              Agus ged a thuit na deòir,
                                cha b’ e cor an anama ’m bròn
                              ach bròn teaghlaich agus  chàirdean,
                                bròn a chinnich à Staid Nàdair.
                              Cha robh duine anns an èisteachd
                                nach tug a chreud à Sineubha;
                              cha robh duine anns a’ bhuidhinn
                                nach do dh’aidich an creud uile.
                              Ach mun d’ fhag iad an cladh
                                thuig iad fhèin an fhìor dhragh.
                              Agus thuig gach fear sa chòmhlan
                                nì nach seanaiseadh e ri  ònrachd:
                              nach eil trian de thrian a’  creidsinn
                                ann an Ifrinn bhuan na  h-aidmheil.
                               
                              * * * 
                              
                                Sgrùd 
                                liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil