Tràighean 
                              Nan robh sinn an Talasgar air an  tràigh
                                far a bheil am beul mòr bàn
                                a’ fosgladh eadar dà ghiall  chruaidh,
                                Rubha nan Clach ’s am Bioda  Ruadh,
                                sheasainn-sa ri taobh na mara
                                ag ùrachadh gaoil ’nam anam
                                fhad ’s a bhiodh an cuan a’  lìonadh
                                camas Thalasgair gu sìorraidh:
                                sheasainn an siud air lom na  tràghad
                                gu ’n cromadh Priseal a cheann  àigich.
                              Agus nan robh sinn cuideachd
                                air traigh Chalgaraidh am Muile,
                                eadar Alba is Tiriodh,
                                eadar an saoghal ’s a’  bhiothbhuan,
                                dh’fhuirichinn an siud gu luan
                                a’ tomhas gainmhich bruan air  bhruan.
                                Agus an Uibhist air tràigh Hòmhstaidh
                                fa chomhair farsaingeachd na  h-ònrachd,
                                dh’fheithinn-sa an siud gu  sìorraidh
                                braon air bhraon an cuan a’  sìoladh.
                              Agus nan robh mi air tràigh  Mhùideart
                                còmhla riut, a nodhachd ùidhe,
                                chuirinn suas an cochur gaoil  dhut
                                an cuan ’s a’ ghaineamh, bruan  air bhraon dhiubh.
                                ’S nan robh sinn air Mol  Steinnseil Stamhain
                                ’s an fhairge neo-aoibhneach a’  tarraing
                                nan ulbhag is gan tilgeil  tharainn,
                                thogainn-sa am balla daingeann
                                ro shìorraidheachd choimhich ’s  i framhach.
                               
                              * * * 
                              
                                Sgrùd 
                                liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil