Tri Leòis
                              Dom dhùr-amharc bha thu ’nad  reul
                                ’s tu leat fhèin san iarmailt:
                                is thugadh dhut an dà leus
                                lem aigne thorrach ’s m’  iargain.
                              ’S an uair sin bhoillsg thu le  trì-
                                an-aon leus dìreach trianaid;
                                ach cha robh ’nam leòis dhian  fhìn
                                ach clann do lìthe ’n iargain.
                              Bha mi feitheamh ris a’ bheum
                                a mhilleadh do rèim le  chrìonadh;
                                ach thug mi dhut na trì dhut  fhèin
                                an ceann rèis deich bliadhna.
                              Òir nam b’ iad mo leòis gin fhìn
                                a bheothaich lì ’nad lias-sa,
                                bu chinnt gun cailleadh iad am  brìgh
                                le glasadh tìm deich bliadhna.
                              A shuilbhireachd ’s a chridhe  chòir
                                ’s sibh lòghmhor ann an aodann;
                                a mheallaidh cridhe ’s a  mheallaidh sùla,
                                ur n-ìomhaigh rùin a h-aogas!
                              Cha b’ ann fada bha an tòir
                                a thug còrr ’s deich bliadhna
                                an uair a bha an fhaodail còrr
                                ’s na dh’fhòghnadh dòchas  sìorraidh.
                               
                              * * * 
                              
                                Sgrùd 
                                liosta nan dàn a rèir na h-ama
                              Sgrùd 
                                  liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil