Uilleam Ros is Mi Fhìn
Chan eil mise càirdeach idir
do dh’Uilleam Ros ged leig mi orm
gu bheil mo chàs-sa mar a chàs-san,
’s mi ’g iadach ris na briathran geàrrte
ceòlmhor as mìorbhail ’na bhàrdachd.
Esan a’ bàsachadh sa chaitheamh,
a’ fàgail gaoil is ‘gàir nan òg’
is a Mhòr a’ dol thar sàile,
a’ falbh an aoibhneas a h-àilleachd
le fear eile is ga fhàgail.
Ged tha an t-aodann as àille
a chunnaic mise riamh air nighinn –
an cridhe uasal ’s ceann na cèille –
pòst’ aig fear eile ’n Èirinn,
chan e sin a-nis mo lèireadh,
ach an tè a thug an gaol dhomh,
an gaol dhomh fhìn, an gaol cràiteach,
a thug a cridhe à com màbte.
Cò eile fhuair a leithid
o mhnaoi air thalamh no an sgeulachd?
’S e gun d’ fhuair mi e a lèir mi.
O nach eil an còrr ra fhaotainn
is colainn mo ghaoil ghil air faondradh,
is gun fheum – gun fheum saoghail –
’s e chuir mo ghaol-sa gu laomadh
leis a’ bharrach fhaoin bhàrdachd
’s e mathaichte l’ a colainn mhàbte.
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil