Mu Choinneamh an t-Saoghail (1934-1943)
|
 |
Nuair a thill e dhan Eilean Sgitheanach as t-Fhoghar 1943, chaidh Somhairle MacGill-Eain a theagasg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Dh' aidich e mun àm a thòisich e air teagasg ann am Port Rìgh, gu robh e air ùidh a ghabhail ann an seann òrain agus ann an nua-bhàrdachd, gu sònraichte a' bhàrdachd aig Ùisdean MacDhiarmaid.
|
 |
Bha e ann an loidseadh an toiseach ann an Carndarach air Sràid Wentworth, ach ro dheireadh na bliadhna-sgoile 1934-35, bha e air gluasad gu Ostail Eilginn (ostail dha na gillean às na h-eileanan) a chuideachadh le bhith a' coimhead às an dèidh. |
An 1934, sgrìobh e an dàn 'An Soitheach', a bh' air fhoillseachadh fon ainm-brèige 'Ruairi MacAilein', ach mean air mhean bha e a' faighinn an uallaich a bhith a' cumail sùil air na gillean gach dàrna h-oidhche an Ostail Eilginn glè throm agus bha e doirbh dha an dlùth-aire a dh' fheumadh e a thoirt dhan bhàrdachd aige. Anns an Iuchar agus aig toiseach na Lùnastail 1935, thadhail Somhairle MacGill-Eain air Eilean Whalsay an dèidh fiathachadh fhaighinn bho Ùisdean MacDhiarmaid.
 |
Eadar 1936 agus 1939, thàinig grunn rudan còmhla a chuir am bàrd fo throm uallach, agus a nochd anns a' bhàrdachd aige, agus dh' aidich e fhèin, ma bha e na bhàrd idir eadar 1936 agus 1939, gun robh e na bhàrd a bha glè eadar-dhealaichte bhon fhear a bha ri bàrdachd ro 1936.
|
Anns an aiste 'My Relationship with the Muse', dh' ainmich e na h-adhbharan dha sin: 'mo mhàthair a bhith glè mheadhanach an 1936, agus a-rithist an 1938, toiseach Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936, mar a bha cosnadh m' athar a' sìor chrìonadh anns na 1930an, a' coinneachadh ri nighean Èireannach an 1937, a' fàgail an Eilein Sgitheanaich ann an cus cabhaig airson a dhol a Mhuile aig deireadh 1937, agus Munich an 1938, agus daonnan bha sìor chrìonadh na Gàidhlig na bhriste-cridhe dhomh. Mar sin bha roghainnean duilich romham anns na bliadhnaichean sin, agus thàinig eallach pearsanta nam bliadhnaichean sin am follais tro bhàrdachd agus cha b' ann tro gnìomh'. Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn an 1936 bha buaidh chudromach, làn fhaireachdainn aige air beatha Shomhairle MhicGill-Eain. Bho 1933 bha mòr-uallach air gu robh Faisisteachd a' dol a dh' fhaighinn làmh an uachdair anns an Roinn Eòrpa. Nuair a thòisich Cogadh Sìobhalta na Spàinn, bha e glè chinnteach na inntinn fhèin gu feumte buaidh fhaighinn gu h-èifeachdach agus gun dàil air Faisisteachd anns an Spàinn. Bha tidsear eile ann an Àrdsgoil Phort Rìgh aig an aon àm, Jack Stuart, dhe robh e a' saoilsinn tòrr, agus dh' iarr esan air Somhairle MacGill-Eain a dhol còmhla ris dhan Spain a chogadh air taobh a' Bhuidhinn Eadar-Nàiseanta, ach ged a bu mhiann leis a dhol ann, bha an suidheachadh teaghlaich aige fhèin a' dèanamh sin do-dhèanta dha.
Dh' fhuirich Somhairle MacGill-Eain ann am Port Rìgh gu 1937, agus air a' bhliadhna sin thadhail Ùisdean MacDhiarmaid air nuair a bha e a' cur cuairt air na h-Eileanan an Iar còmhla ri W.D. MacColl, nàiseantach agus fear aig an robh ùidh mhòr ann an Gàidhlig. Chuir iad oidhche seachad an Ratharsair còmhla ri teaghlach Shomhairle MhicGill-Eain, agus an uair sin chaidh iad a Phort Rìgh a chur an deireadh sheachdain seachad an cuideachd Shomhairle MhicGill-Eain mus deach iad a Bharraigh. Na b' fhaide air adhart anns a' bhliadhna, fhuair Somhairle MacGill-Eain obair a' teagasg an Àrdsgoil Thobar Mhoire ann am Muile, far an robh e a' teagasg bhon Fhaoilleach chun an Dùbhlachd 1938. Chuir e seachad bliadhna an sin, ach cha b' e àm uamhasach sona bh' ann dha, agus dh' aidich e fhèin gur e 'turas dòrainneach' a bh' ann. Shaoil leis gu robh Muile brèagha ach bha làrach nam fuadaichean, a sgrios an t-eilean anns an 19mh linn, cho follaiseach ann agus gu robh e na bhriste-cridhe do fear ainme (an cinneadh a bha cho dlùth cheangailte ri Muile). Ach a dh' aindeoin na faireachdainnean brònach sin, bha an ùine a chuir e seachad am Muile soirbheachail a thaobh a bhàrdachd, agus sgrìobh e grunn dhàin fhads a bha e ann, 'Ban-Ghàidheal' nam measg. Mar a mhìnich am bàrd an dèidh làimhe: 'Tha mi a' creidsinn gu robh Muile cudromach a thaobh na bàrdachd agam: bha a' bhòidhchead nàdarra cho eadar-dhealaichte bhon Eilean Sgitheanach, le làrach eagalach nam fuadaichean follaiseach ann, ga dhèanamh cha mhòr neo-fhulangach do Ghàidheal.'8 Cha robh na uallaichean obrach a bh' air ann am Muile cho sàraichte is a bha iad air a bhith ann am Port Rìgh, agus mar sin bha e comasach dha barrachd sgrìobhaidh a dhèanamh agus bha mòran litrichean a' dol a-null 's a-nall eadar e fhèin agus Ùisdean MacDhiarmaid. Tha Crìsdean Whyte a' comharrachadh gu robh na nuadh-bheachdan aig an dithis bhàrd co-ionnan ann a bhith mi-riaraichte leis mar a bha dualchas na bàrdachd, nam beachd-san, coirbte agus neo-mhiannach air adhartas.
 |
Anns an Fhaoilleach 1939, ghluais Somhairle MacGill-Eain à Muile gu Dùn Èideann, far an robh e air obair fhaighinn a' teagasg Beurla an Àrdsgoil Bhoroughmuir. Bha e ann an loidseadh am Polwarth faisg air an sgoil, agus fhad ’s a bha e an Dùn Èideann dh' ùraich e a chàirdeas le Robert Garioch, a thug cuireadh dha tighinn gu cruinneachadh de bhàird a bhiodh a' coinneachadh uair 's an t-seachdain anns an Abbotsford Bar air Rose Street.
|
Bha clò-làimhe aig Robert Garioch agus an 1940 nochd leabhran beag bhuaithe le Somhairle MacGill-Eain agus Robert Garioch, 17 Poems for 6d. Beagan sheachdainean an dèidh sin chaidh Seventeen Poems for Sixpence fhoillseachadh, an dàrna lethbhreac, le ceartachaidhean. B' ann an 1939 cuideachd a thòisich Somhairle MacGill-Eain air sgrìobhadh a' mhòr-dhàn 'An Cuilithionn'. Bha an smaoineas airson an dàin air tighinn thuige na bu tràithe ann am Muile an 1938, nuair , mar a thuirt e, a bha e air tòiseachadh ri smaoineachadh air dàn fada a sgrìobhadh, 10,000 facal no mar sin, air cor mac an duine, a' sgaoileadh a-mach bho eachdraidh an Eilean Sgitheanaich gu Taobh an Iar na Gàidhealtachd chun an Roinn Eòrpa agus na b' aithne dha den a' chòrr den t-saoghal. Ged a chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air an dàn an Dùn Èideann an 1939, nuair a chaidh mu 3,000 sreath a chur ri chèile, stad an sgrìobhadh gu h-obann anns an Dùbhlachd 1939.
 |
Anns an Dàmhair 1939, chaidh Somhairle MacGill-Eain gu ruige Hawick a theagasg clann a bh' air an cur ann bho na bailtean mòra airson sàbhailteachd bhon chogadh agus bha e an sin co-dhiù chun an Ògmhios 1940. 'S ann aig an àm seo a chaidh a' mhòr-chuid de na dàin iomraiteach 'Dàin do Eimhir' a sgrìobhadh.
|
Agus 's ann aig an àm seo cuideachd a dh' fhuiling Somhairle MacGill-Eain na faireachdainnean domhainn dian, a theab a chur às a chiall, mar a dh' aidich e fhèin. Thàinig an cuthach mòr a bha e a' faireachdainn mu Faisisteachd, agus an trom-ghaol anns an robh e, còmhla, ann an 'Dàin do Eimhir', sreath de dhàin gaoil as àille. Anns na dàin, tha na faireachdainnean a dh' fhuiling e fhèin gu pearsanta air an cur ri taobh nam faireachdainnean a bh' aige mu na bha a' tachairt anns an Spàinn agus na duilgheadasan a bha mu choinneamh mac an duine agus gu dè a bha an dàn don t-saoghal gu lèir. Tha a' chunntas as mionaidiche mu eachdraidh sgrìobhadh na sreath 'Dàin do Eimhir' ri fhaighinn anns an lethbhreac aig Crìsdean Whyte de na dàin Ghàidhlig, le eadar-theangachaidhean Beurla, a chaidh fhoillseachadh an 2002.
 |
Anns an t-Sultain 1940, ghabh Somhairle MacGill-Eain anns an Signal Corps, agus bhon a' Mhàigh 1941 chun an Dùbhlachd 1941, bha e stèidhichte aig Campa Chatterick ann an Siorrachd York a' feitheamh ri òrdain a dhol a-null thairis. Anns an Dùbhlachd 1941, chaidh a chur dhan Èipheit, agus eadar an Dùbhlachd 1941 chun a' Màirt 1943 bha e a' cogadh còmhla ris an Royal Horse Artillery. |
Mus deach e a-null thairis, bha e air na dàin aige fhàgail aig Douglas Young (an dèidh làimhe na òraidiche ann an Greugais an Oilthigh Chill Rìmhinn), a bh' air tairgsinn foillsichear fhaighinn dhaibh, agus aig Iain MacDhòmhnaill ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Obar Dheathain. Nuair a roghnaich Douglas Young a dhol dhan phrìosan mus aidicheadh e gu robh còir dligheach aig stàit Bhreatainn daoine a thogail dhan arm, ghabh an t-Urr Iain MacEacharna air fhèin cùram nan dàn fhoillseachadh.
Chì sinn a-rithist spèis agus co-fhaireachdainn Shomhairle MhicGill-Eain dha chinne-daonna na bhàrdachd-cogaidh, nam measg an dàn-cogaidh a b' fhearr a sgrìobh e, 'Glaic a' Bhàis'. A dh' aindheoin sin, tha coltas gun do thionndaidh e an aghaidh a' bhàrdachd fhèin aig an àm seo, agus anns a' Ghearran 1942, sgrìobh e gu Ùisdean MacDhiarmaid, 'Ma tha mi a' dol a sgrìobhadh bàrdachd gu sìorraidh tuilleadh, bidh e gu math eadar-dhealaichte bho na sgrìobh mi thuige seo, anns nach fhaod e a bhith cho pearsanta, feumaidh e a bhith nas tuigsiche, agus gun a bhith cho riaraichte le cheòl fhèin'. Chaidh a leòn trì tursan nuair a bha e a' sabaid an Afraga a Tuath: aig aon àm bha fathann a' dol gu robh e air a dhol a dhìth anns a' bhlàr. 'S e thachair ach gu robh e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein air 2mh Samhain 1942 nuair a spreadh mèinn talamh faisg air, agus chaidh a thoirt dhan ospadal. Bha e naoidh mìosan an ospadail am Burgel Arab, Cantara, Suez, Baragwanath, Netley an Sasainn agus Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis. Fhuair e a-mach mu dheireadh thall à Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, agus seach gu robh e air a leòn cho dona, às an arm a bharrachd anns an Lùnastal 1943.
 |
Anns a' Mhàirt 1943, nuair a thill Somhairle MacGill-Eain air ais a Shasainn gus am faigheadh na lotan aige cothrom leigheis, bha na dàin aige deiseil airson ceartachaidh. Leugh e iad anns an ospadal an Southampton agus thill e iad chun an fhoillsichear an Glaschu, Uilleam MacIllFhaolain. Tràth anns an t-Samhain air a' bhliadhna sin, nochd Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, le ro-ràdh le Douglas Young agus dealbhan leis an dealbhadair Albannach Uilleam Crosbie. |
Tha na faclan gèarr a sgrìobh an Àrd-Ollamh Dòmhnall MacAmlaigh anns an ro-ràdh aige do Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig a' nochdadh cho fìor chudromach is a bha Dàin do Èimhir, 'Saoilidh mi nach b' urrainn do'n bhàrdachd Ghàidhlig a bhith a riamh mar a bha i roimhe an dèidh do'n leabhar sin a thighinn am follais.' Anns an aon bhliadhna chaidh Auntran Blads aig Douglas Young fhoillseachadh, leabhar bàrdachd, coisrigte do Shomhairle MacGill-Eain agus do Dheòrsa Mac Iain Deòrsa, le eadar-theangachaidhean a rinn e de dh' obair an dithis bhàrd.
|