Chaidh Am Bòrd Stiùiridh a stèidheachadh le Urras Shomhairle anns a’ Ghiblean 2006 gus deasachadh a’ ghoireis, Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne, a ghabhail os làimh. ’S e amas a’ ghoireis a bhith a’ sgaoileadh eòlais agus a’ meudachadh tuigse air obair a’ bhàird, agus an cliù agus a’ bhuaidh a bh’ aige gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha an goireas Air-Loidhne ga chur air bhonn, ceum air cheum, gus goireas Air-Loidhne a chruthachadh aig am bi barantas a bhios na chuideachadh a thaobh sgoilearachd agus foghlam, gus tuigse nas fharsainge air litreachas Gàidhlig a bhrosnachadh, agus cothrom a thoirt do dhaoine tlachd a ghabhail ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain.
Chuirear crìoch air a' chiad earran den obair seo gu soirbheachail anns a' Ghiblean 2008. B' iad buill a' bhòrd-stiùiridh aig an àm:
An t-Ollamh Meg Bateman, Bàrd agus Òraidiche, Sabhal Mòr Ostaig, OGE.
An t-Àrd Ollamh Tormod N. MacGilliosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, OGE.
An t-Ollamh Anna NicMhathain, air chluaineas bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (Cathraiche).
An t-Ollamh Máire Ní hAnnrachain, Oilthigh Mhagh Nuad.
An t-Ollamh Crìsdean Whyte, sgrìobhaiche, sgoilear agus rannsachair air obair Shomhairle MhicGill-Eain agus comhairliche sònraichte don Bhòrd Stiùiridh.
Bha
Alasdair Caimbeul, neach-naidheachd neo-cheangailte agus eadar-theangadair agus Criosaidh Dick, sgrìobhaiche, an sàs mar rannsachairean.
Tha na h-Urrasairean uabhasach taingeil gu bheil a' ghoireas seo ann a-nise agus bu thoigh leotha taing shònraichte a thoirt dhan t-Oll. Anna NicMhathain, a sgrìobh dà phàipear a bha fìor fheumail dhan phròiseict.
|