Tha Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne ag amas air raon farsaing de dh’ fhiosrachadh a thabhann airson cothroim beachdachadh air an obair aig a’ bhàrd chliùiteach Ghàidhlig Albannach Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) agus airson na h-obrach aige a thoirt gu aire luchd-èisteachd agus luchd-leughaidh ùr air feadh an t-saoghail.
Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus fear de na bàird Ghàidhlig as iomraitiche bha riamh ann. Rugadh e air Eilean Ratharsair, eilean beag suidhichte far taobh sear an Eilein Sgitheanaich agus chaidh a thogail toinnte ann an cultar na Gàidhlig agus ann an dualchas bheairteach nan òran. Tha a bhàrdachd aithnichte airson a torachd-inntinn agus airson a dànachd, an dà chuid a thaobh dhòighean-làimhseachaidh agus chuspairean. Na obair mhòr-bhuadhach Dàin do Eimhir, tha a bhàrdachd a’ togail air gaol, roghainn, fulangas, agus ana-cheartas, agus aig an aon àm a’ beachdachadh air na tachartasan oillteil poilitigeach a bha a’ sgrios na Roinn Eòrpa anns na 1930an agus 1940an. Bha cùisean leithid Cogadh Sìobhalta na Spàinn agus buaidh Faisisteachd air an tàthadh an lùib nam faireachdainnean dian, pearsanta aige fhèin gus bàrdachd a chruthachadh a th’ air cliù nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh dha.
Ged nach eil na sgrìobh Somhairle MacGill-Eain ach tearc an coimeas ri cuid, tha e a’ toirt a-steach cuibhreann den nua-bhàrdachd Ghàidhlig as fheàrr agus as fhìor-aithnichte, aig amannan a’ coileanadh sàr-mhathas liriceach gun a shamhail ann am bàrdachd Ghàidhlig. An iomadach dòigh thug e bàrdachd Ghàidhlig na h-Alba a steach dhan nuadh aimsir, agus tha e gu sònraichte cudromach ann an litreachas na h-Alba anns an latha an-diugh.
Leugh tuilleadh mu Dhàn na Mìos: ‘Hallaig’. |