|
 |
|
An Cuilitheann
EARRANN V
Chuala mi gum facas bristeadh
agus clisgeadh air an fhàire,
gum facas ròs dearg ùrail
thar saoghal brùite màbte;
chuala mi mu Abhainn Chluaidh
a bhith air tuar na càrnaid;
chuala mi mu MhacGill-Eain
bhith deanamh ceangal neo-bhàsmhor
air gach cridhe agus eanchainn
le meanmnachd thar cràdhlot.
Chunnacas manadh mòr is uilebheist,
an t-Àigeach a’ sitrich air a’ Chuilitheann,
èirigh nan creagan a bha builgeadh,
air an tug an spiorad tulgadh.
Bha roghainn nan each mòra creagach
a’ bocail air Sgùrr a’ Ghreadaidh,
leum an Eist mhòr fhiadhaich
tarsainn iomallan nan crìochan;
chuir e chas air Sgurra nan Gillean
’s e prannsail air bàrr a’ Bhidein,
leum e le lùths an àrdain
o Sgurra na h-Uamha gu Blàbheinn
agus o Bhlàbheinn thug e gàmag
gu mullach adharcach na Gàrsbheinn;
gheàrr e boc dhe Sgùrr an Fheadain
’s e fàgail uamhaltachd na creige
gus an d’ ràinig e ’n càthar,
a stamp e mar aon pholl-dàmhair.
Siud ort fhèin, Àigich lùthmhoir,
prannaidh tu bùirdeasachd nam fùidsean,
nì thu sìnteag thar na mòintich;
chan eil thu tuilleadh air an òtraich:
chan eil thu nis ’nad thruaghan gearrain;
chaill na boglaichean am mealladh.
|
Eich mhòir a’ chuain,
mo ghaol do ghruaim;
eich mheanmnaich
an t-seana chinn chruaidh:
eich ghlais sgiamhaich
nan slios riabhach,
Eist mhòr fhiadhaich,
b’ thu riamh ar luaidh.
Àigich Sgitheanaich,
’s tu air mo bhialaibh,
mo roghainn iadaich
is m’ iargain dùil:
a steud nan cuantan,
’s tu th’ air mo bhuaireadh,
’s mo chridhe luaineach
led luasgan shùl.
Eich mhòir ghaolaich
na muinne craobhaich,
chual’ thusa faochadh
a’ Chaogaich chais:
eich mhòir nan tonn,
a mharcachd shonn,
chual’ thu fonn
Maoil Duinn nan gath.
Àigich ghairbh,
chual’ thusa stoirm
is glaodhaich gairm
duis fhoirmeil bhrais
o Phàdraig Mòr
’s o Phàdraig Òg:
an gaol ’s am bròn
’s a’ phròis mhòr ait.
Eich mhòir na fàire,
mo chridhe gàire,
chual’ thu àrdan
an t-sàr-fhir chòir:
chual’ thu MacMhuirich
od bhaideal munaidh,
chual’ thu ’n curaidh
dhan tugadh seòl.
Eich ghlais iargalt,
chual’ thu ’n t-sianail
nuair thàinig stialladh
le bliadhna mhòir:
chual’ thu MacCaluim,
an gaisgeach allail,
is dà Stiùbhart
le lasair mhòir.
A luaidh fàire,
a ghaoil nan àrd bheann,
m’ eudail sgàile,
mo ghràdh do lì:
a chearcaill mullaich
nan saoi ’s nan curaidh,
a bheanntan ulaidh,
cha sguir bhur strì.
A dhòchais na h-Albann,
togaidh ’n dallabhrat
a tha cho marbhteach
le arraghloir lùiths:
a spèis na h-Eòrpa,
thig an còmhnadh,
an lasair bheò-dhearg
a sgriosas smùr.
Chithear an Cuilitheann
’na iolair iomaluath,
’na leòmhann suilbhir,
’na bheithir dheirg;
chithear Alba
’na slios geala chrios,
’na teine falbhaidh,
air magh ’s air leirg.
|
’S fhada, cian fada,
’s fhada an dìreadh,
’s fhada slighe a’ Chuilithinn
is cunnart bhur strì-se;
’s fhada ’n streap ris na slèibhtean,
’s ioma euchd a tha dhìth orr’,
’s cruaidh spàirn ris na creagan;
’s goirt a’ charachd ’s an sgìths ud.
Mòr am blàr is na creuchdan
tha an èirig na h-Eòrpa;
cruaidh an gleac iomagain
tha an tuigse na còrach;
cian fada ’n imcheist
is iomaluas na breòiteachd,
fada ’n oidhche ’s a h-iargain
mun tig grian dhearg òraidh.
Fada, ach thig i,
’s ann dhuinn thig an òr-ghrian;
èiridh an Cuilitheann
gu suilbhir ’na ghlòir geal;
ged as searbh dhuinn an oidhche
chuir an loinneas fo sgleò dubh,
’s ann a bhristeas a’ mhadainn
air baidealan glòrmhor.
Cruaidh càs na Sìne,
nan Innsean ’s na h-Albann,
searbh call na Spàinne,
àrainn nam mòr mharbh;
cruaidh càs na h-Eadailt,
na Gearmailt ’s na Frainge,
is uachdarain Shasainn
a’ cur am bochdan fo ghanntachd.
Tha Ó Conghaile an Èirinn
ag èirigh thar àmhghair,
MacGill-Eain an Albainn
’na chalbh air na h-àirdean,
Liebknecht sa Ghearmailt
marbh ach neo-bhàsmhor,
is Lenin an Ruisia,
ceann-uidhe nan sàr-bhreith.
|
*Ma chuireadh crìochan ro neach
Ach iad a chuir e fhèin,
Dhan fhàire far an ruigear iad
Cha tug aon neach a cheum.
’S ma tha mhòr-chuid gu faingte teann,
A’ leantainn slighe crìon,
’S e ’n leisg fhann fhèin as coireach air,
An lùths cha dhearbh iad fìor.
’S fheàrr leo ’n t-seasgaireachd na ’n treòir,
Buigead thar stàilinn bhuadh,
Is dùintean beaga moraltachd
Os cionn nam beann bith-bhuan.
Mullach an t-saoghail a’ chlach lom;
Is èiginn neach cur dheth
Na ghabhas, agus sin gach eile,
Mum bi an àird ’na bheachd.
* Eadar-theangaichte bhon Bheurla aig MacDhiarmaid
|
|
* * *
Sgrùd
liosta nan dàn a rèir na h-ama
Sgrùd
liosta nan dàn an òrdugh na h-aibidil
|
|
|
|
 |
|
 |