An Cuilitheann
                              EARRANN VI
                              Fhuair mise deuchainn gun fhaochadh
                                on latha chuireadh mi air Long nan Daoine.
                                Bha mi ’n Geusto a’ buain maoraich
                                an uair a ghlacadh mi ’s mi ’m aonar.
                                Dh’fhuiling mi daorsa nan stràc,
                                an dubh-chosnadh is grian le àin
                                a shearg m’ fheòil air mo chnàmhan
                                ’s a rinn creachadh air a’ bhlàth òg
                                a bha ’na mo ghruaidhean ’s ’nam aodann
                                mun tàinig dunachd air mo shaoghal.
                                ’S ioma deuchainn mun cuala
                                mi fhìn san Eilean ron uair ud;
                                ach cò fhuair uiread rium no leth dheth?
                                A Dhia nan gràs agus a Chrìosda,
                                cha bu mhòr m’ iarrtas
                                ach cha d’ fhuair mi de bhàidh bhig
                                fiù ’s gu faicinn air fàire
                                Beinn Dubhagraich, far robh an àirigh
                                ’nam òige, no cladh mo chàirdean.
                                ’S ioma nì thig air na bochdan
                                ach cha d’ fhuiling neach mo lochd-sa,
                                ged bha mi sona nuair bha mi òg,
                                a dh’aindeoin bochdainn, an Dùis MhicLeòid.
                              An uair a dh’èireas mi sa mhadainn
                                chan fhaic mi ach na raointean glasa,
                                far a bheil saothair is ànradh
                                ’s am fonn e fhèin an ìmpis sgàineadh
                                le teas murtail na grèine cràitich.
                                Saothair, acras, fannachd, tàmailt,
                                b’ iadsan a’ chuibhreann a bha ’n dàn dhomh;
                                agus a-chaoidh cha ruig mi fàire
                                om faic mi Loch Harport ’s taigh mo mhàthar
                                far an robh cridhealas is gàire
                                aig luaidhean ri linn mo chàirdean;
                                agus chan fhaic mi an Cuilitheann cràcach
                                ag èirigh thar Minginis mo shàth-ghaoil.
                              Mo shàthghal goirt
                                mar a tha mi nochd
                                is dàl nam bochd rim ùidh.
                              Cha bhàs nan triath
                                a chràidh mi riamh,
                                ach càs is dìol luchd rùin.
                              A’ chainnt ’s an ceòl
                                a chleachd mi òg
                                air falbh mar sgleò bhom shùil,
                              is èibhneas smuain
                                mo chèille ’s luaidh
                                thar rèis a’ chuain bhom dhùil.
                              Am Bràcadal
                                nam bruthach cas,
                                nan cluaintean glasa, m’ ùidh;
                              am Minginis
                                as grinne slios,
                                as guirme pris, mo rùn;
                              an Eilean Sgitheanach
                                nam beann sgiamhach,
                                nam monadh riabhach,
                                mo chiall ’s mo smaoin;
                              an Eilean uachdrach
                                a’ Chuilithinn ghruamaich,
                                nan loch suaineach,
                                mo luaidh ’s mo ghaol;
                              an eilean uallach
                                nam beann fuara,
                                nan sruth luaineach,
                                nan cluaineag caomh;
                              an eilean aoibhneach
                                nan cridhe saidhbhir,
                                nan spiorad coibhneil,
                                le loinn-chruth faoil.
                              ’S e gnothach bochd a tha san fhògradh
                                nuair tha an cruaidh-chàs an tòir air;
                                dh’fhoghlaim mise siud dhomh fhìn
                                nuair sheòl mi anns an Annie Jane.
                                Thog sinn siùil am bàgh Bharraigh
                                latha fiadhaich, oidhche challa,
                                is chaidh na siùil a-mach ’nan stiallan
                                air cùl Bhatarsaigh le siaban
                                agus cathadh mara fiadhaich.
                                Chaidh an Annie Jane ’na clàran
                                leamsa ’s le luchd mo chàirdean.
                                Chan fhaca mi Aimeireaga chianail,
                                Òir shluig a’ mhuir mhòr ’na beul mi.
                                ’S e gnothach bochd a bha sa bhàthadh
                                nuair nach robh feum no stàth ann.
                              ’S mise Chlio mhòr Sgitheanach,
                                tha mi ainmeil thar cheudan:
                                tha mi fiosrach feadh an t-saoghail,
                                is eòl dhomh dàn is dàl nan daoine.
                                Bha mi latha an Srath Shuardail
                                agus thàinig gaoir gum chluasan:
                                chuala mi corranach nan truaghan
                                a bha am Mormhair a’ ruagadh
                                à Boraraig is Suidhisnis uaine
                                gu taobh eile nan cuantan.
                                Thug mi sùil air Dùis MhicLeòid
                                ’s cha do mheall a’ bhreug mo bhròn.
                              ’S mise Clio mhòr Leòdhais,
                                choisich mi cho fad’ ’s a dh’fhòghnadh
                                air an t-slighe ealamh dheònach ud
                                à Beàrnaraigh gu Steòrnabhagh.
                                ’S mise Chlio gun chion àrdain,
                                Òir chunnaic mi Faghaid na Pàirce:
                                ’s mise Chlio gheur-chùiseach:
                                tha fhios agam cò às gach Dùsgadh.
                              ’S mise Clio bhrònach Mhuile;
                                chunnaic mi fraineach ’na tuiltean.
                              ’S mise Clio na Hearadh;
                                phioc mi anns na creagan sear ud.
                              ’S mise Clio Innse Gall:
                                chunnaic mi allaban is call,
                                chuala mi pìob mhòr MhicCruimein
                                agus a’ chaora mhaol a’ criomadh.
                              ’S mise Clio Inbhir Nis:
                                sheas mi leam fhìn anns an sgrios
                                a bh’ air Druim Athaisidh shuas ud
                                nuair a nochd feasgar an uabhais:
                                chunnaic mi Teàrlach Ruadh a’ teicheadh
                                agus Alasdair Ruadh ’na chlosaich.
                              Chualas an corranach ’s an caoineadh
                                ann am mèilich nan caorach.
                              ’S mise Clio na Galltachd:
                                ’s aithne dhomh breòiteachd is dallabhrat;
                                chunnaic mi am mèinnear ’na thràill daorsa
                                ach chunnaic mi ròs dearg Chluaidh a’ sgaoileadh
                                ’na bhrat cumhachdach mòr feirge
                                ’s MacGill-Eain a’ togail meirghe.
                              ’S mise Clio na h-Èireann:
                                a Dhia, fhuair mise mo lèireadh
                                le gort Bliadhn’ a’ Bhuntàta,
                                le fòirneart, bochdainn is ànradh;
                                ach a dh’aindeoin na truaighe
                                ’s mise Chlio mhòr uallach,
                                Òir chunnaic mi Ó Conghaile ’s am Piarsach,
                                Wolfe Tone, MacGearailt agus Emmet.
                              ’S mise Clio mhòr Shasainn:
                                cha b’ e mo chuibhreann-sa a b’ fhasa:
                                chunnaic mi Tyler is John Ball,
                                Kett is Dudley olc is More,
                                Lilburne, ’s air Drochaid Ath Bhuirg
                                MacThòmais le daga ’s gach dòrn;
                                Blake is Shelley len cràdhlot,
                                ioma Pàirc is Dachaigh Stàiteil.
                              ’S mise Clio na Spàinne:
                                ’s ann agamsa tha fhios air àmhghar:
                                bha mi ’m Madrid is Barsalòna,
                                chunnaic mi gaisge agus fòirneart,
                                gach fulangas agus gach truaighe,
                                a dh’aindeoin spàirn cridhe ’n uabhair.
                              ’S mise Clio na Frainge;
                                chunnaic mi ’n t-Ar-a-mach caillte,
                                ’s chunnaic mi La Commune le bròn,
                                le h-àmhghar, le gaisge ’s le glòir.
                              ’S mise Clio na h-Eadailte:
                                chunnaic mise sealladh eagalach
                                nuair bha ’m Via Appia fo chroisean-ceusta
                                Spartacus ’s nan Tràillean euchdach;
                                chunnaic mi de bhòidhche na dh’fhòghnadh,
                                agus cuideachd bàs Mhatteoti.
                              ’S mise Clio na Grèige,
                                chunnaic mi daorsa le creuchdan,
                                agus Metaxas na brèige
                                a dh’aindeoin gliocais is èigse.
                              ’S mise Clio nan Innsean,
                                chunnaic mi a’ ghort nach innsear,
                                chunnaic mi spùilleadh is breugan,
                                Nehru is Gandhi ’nan èiginn;
                                chunnaic mi bochdainn thar smaointean,
                                ceann-crìche a’ chinne-daonna.
                              ’S mise Clio na Gearmailte:
                                a Dhia, ’s mise chunnaic alla-cheò
                                air cor is cridhe nan daoine,
                                Liebknecht, Thaelmann is daorsa.
                              ’S mise Clio na Sìne;
                                fhuair mise mo chuid fhìn dheth;
                                ach ghlac mi slabhraidhean Tatu Hò
                                ’s chaidh an truaighe ’na glòir.
                              ’S mise Clio an t-saoghail:
                                shiubhail mi beanntan, glinn is raointean,
                                bailtean agus monaidhean faoine,
                                ach chan fhacas mòran faochaidh.
                                Leugh mi Plato is Rousseau,
                                Voltaire, Condorcet agus Cobbett,
                                Kant, Schopenhaur, Hume, Fichte,
                                Marx, Lenin, Blok, Nietzsche.
                              ’S mise Clio an t-saoghail:
                                dh’obraich mi m’ aiseag air Saothach nan Daoine,
                                bha mi aig Batal a’ Chumhaing
                                agus an Leningrad san iomairt
                                mun Phàileis nuair thàinig sruth
                                dhe na Boilseabhaich ’nan ruith.
                              Smeòrach mis’ air Ùrlar Phabail,
                                ach cha d’ fhuair mi mòran cadail.
                              
                                
                                  |  | Seall a-mach, an  e ’n là e,’s mi ri  feitheamh na fàire,
 ’s mi ri coimhead  a’ Chuilithinn
 gus an tulgadh  bhith sàsaicht’;
 seall a-mach, an  e mhadainn
 a tha balladh nan  speuran;
 agus faic an e ’n  ròs dearg
 a tha ’g òradh  nan slèibhtean?
 | 
                              
                              ’S mise Clio an t-saoghail:
tha mo shiubhal sìorraidh, aognaidh,
ach gu tric ’s ann dh’èireas an lasair
a dh’fhadas eanchainn, cridhe ’s anam.
Bha mi ’n Leipzig le ùidh
nuair sheas  Dimitrov air beulaibh cùirt,
’s chuala mi uiread ’s a chuala
mi riamh roimhe ’n uair ud.
Chunnaic mi ’na chaoir bheò uile
spiorad beadarrach an duine,
anam aigeannach a’ churaidh,
eanchainn eagarra nam mullach,
aigne sìor-bhuadhach gun chlaoidh,
cridhe geal-ghathach an t-saoi;
cuibhle na h-Eachdraidh a’ dol mun cuairt.
Oirre cha toir an domhain buaidh.
                              
                                
                                  |  | Thèid a’ chuibhle mun cuairtis tionndaidh gu buaidh an càs.
 Nàile, chì mise bhuam
 onfhadh a’ chuain gun tràigh;
 chì mi bàrcadh nan stuadh
 agus bàirlinn le gruaim mhòir àird:
 bidh an latha sin buan
 ’s bidh na beanntan fo nuallan àigh.
 Cha d’ fhàg Clio an Dùndh’aindeoin truaighe ’s cion lùiths bho chian,
 ged a b’ fhalbhach a mùirn
 air àirdean thar dùil ’s air sliabh;
 ’s ann a labhair i rium:
 chan eil teagamh nach fhaicear fìor
 an dòchas ’s an dùil,
 ceann aighir is uìdh nan cliar.
 
 
 | 
                              
                              
                              Chunnaic mi bogadaich aodann bhochd
                                an iomairt na fairge fo lochd:
                                aig a’ Mhound an Dùn Èideann
                                mhothaich mi an  làmh ag èirigh
                                os cionn plubartaich na fairge
                                a dhèanamh grèim air an fhalbhan,
                                an sop fiughair bha dol seachad
                                ’s an cridhe falamh a’ spreadhadh.
                              Chunnaic mi air sràidean Ghlaschu
                                agus air sràidean Dhùn Èideann
                                agus air sràidean  Lunnainn
                                crìoch dheireannach an lèiridh;
                                ’s ag èirigh à bochdainn ’s à acras,
                                à cruaidh-chàs ’s à creuchdan
                                meirghe mhòr dhearg an spioraid
                                nach leagar an dèidh èirigh.
                              Choimhead mi air a’ Chuilitheann,
                                air an tàinig caochladh tulgaidh.
                                A shàr-churaidh,  ’s ann bha t’ aodann
                                geàrrt’ an gnùis nam mullach aosta;
                                bha sgal aigeannach do chridhe
                                toirt luasgain air Sgurra nan Gillean:
                                bha bàrcadh spèis a’ chinne-daonna
                                a’ toirt a’ chrathaidh air an aonach.
                              
                                
                                  |  | Ma tha crìoch air  a cur ro neachach ise chuir e  fhèin,
 ’s ma ràinig  duine beò i,
 gun d’ fhairich i  do cheum.
 
 |