Thòisich Somhairle MacGill-Eain ris  ‘An Cuilithionn’ a sgrìobhadh an 1939.   | 
                        An Darna Cogadh Mòr 1939-1945. (Sgrìobh  Somhairle MacGill-Eain grunn dhàin cogaidh drùidhteach an dèidh dha a bhith a’  cogadh an Arm Bhreatainn ann an Afraga a Tuath.   ‘Glac a’ Bhàis’ am fear is ainmeile dhiubh).  | 
                      
                      
                        Bha Somhairle MacGill-Eain a’ teagasg Beurla an  Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann bhon Fhaoilleach 1939 chun an t-Sultain  1940.   | 
                          | 
                      
                      
                        Bhon Dàmhair 1939 gu co-dhiù an t-Ògmhios 1940,  chuir  Somhairle MacGill-Eain seachad  greis ann a Hawick a’ teagasg feadhainn a dh’ fhàg na bailtean mòra airson  sàbhailteachd bhon chogadh.  | 
                          | 
                      
                      
                        17 Poems for 6d,  le cuid de na dàin a nochd an dèidh làimhe an ‘Dàin do Eimhir’, air  fhoillseachadh an 1940.  | 
                          | 
                      
                      
                        
                            
                              
                                Seventeen Poems for Sixpence, an dàrna lethbhreac de na dàin le ceartachaidhean,  air fhoillseachadh an ceann beagan sheachdainean an 1940.  | 
                               
                             
                          | 
                          | 
                      
                      
                        Chaidh ‘An t-Aigeach’, cuibhreann às Earrann V de ‘An Cuilithionn’ fhoillseachadh ann The New Alliance an 1940.  | 
                          | 
                      
                      
                        Ghabh Somhairle MacGill-Eain anns an Signals  Corp anns an t-Sultain 1940 agus eadar a’ Mhàigh agus an Dùbhlachd 1941 bha e  ann an Campa Chatterick a’ feitheamh òrdain a dhol a-null thairis.  | 
                          | 
                      
                      
                        
                            
                              
                                Chuireadh am bàrd gu ruige na h-Èipheit anns an  Dùbhlachd 1941 agus bha e an sin chun a’ Mhàirt 1943 ri cogadh anns an Royal  Horse Artillary.  | 
                               
                             
                          | 
                          | 
                      
                      
                        Bha Somhairle MacGill-Eain air a dhroch leòn aig  Blàr El Alamein air 2mh Samhain 1942, agus bha e anns an ospadal bhon t-Samhain  1942 chun an Iuchair 1943.  | 
                        An Dàrna Blàr aig El Alamein anns an Èipheit bho  23 Dàmhair gu 3 Samhain 1942.  | 
                      
                      
                        Dàin do Eimhir agus Dàin Eile air fhoillseachadh an t-Samhain 1943.  | 
                          | 
                      
                      
                        Thill Somhairle MacGill-Eain a theagasg an  Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann bho 1943 gu 1956.  | 
                          | 
                      
                      
                        An dàn cogaidh ‘Glac a’ Bhàis’ air  fhoillseachadh ann am Poetry Scotland an 1944.  | 
                          | 
                      
                      
                        ‘Reothairt’ air fhoillsachadh ann am Scottish Art and Letters an 1944.   | 
                          |