Reothairt is Contraigh. Dàin Chruinnichte 1932-72 air fhoillseachadh an1977. |
|
Fhuair Somhairle MacGill-Eain Ceum Urramach D.Litt bho Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann an 1976. |
|
Fhuair Somhairle MacGill-Eain Ceum Urramach D.Litt bho Oilthigh Dhùn Èideann an 1980. |
|
An 1985 chaidh Ris a’ Bhruthaich, The Criticism and Prose Writings of Sorley MacLean fhoillseachadh, deasaichte leis an Àrd-ollamh Uilleam MacIllIosa. |
|
Rinneadh Somhairle MacGill-Eain na Cheannard Urramaichte de Chomann Bratach na Croise an1985. |
|
Rinneadh saorsanach den Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse de Shomhairle MacGill-Eain an 1987. |
|
An 1989 dh’ fhoillsich Clò Carcanet Earranta O Choille gu Bearradh, obair chruinnichte a’ bhàird. |
|
Fhuair Somhairle MacGill-Eain Ceum Urramach D.Univ bho Oilthigh Ghrenoble an 1989.
|
|
B’ e Somhairle MacGill-Eain a’ chiad neach a bh’ air ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh Dhùn Èideann. |
|
Fhuair Somhairle MacGill-Eain Bonn Òir na Banrigh airson Bàrdachd an 1990. |
|
Bhuanaich Somhairle MacGill-Eain Duais Mac a’ Bhiadh-thaigh airson Litreachas an 1990. |
|
Rinneadh Companach Urramach Chomann Rìoghail Dhùn Èideann de Shomhairle MacGill-Eain an 1992. |
|
Fhuair Somhaile MacGill-Eain Ceum Urramach D.Phil bho Cholaisde Anglia an 1994. |
|
Rinneadh Companach Urramach Chomann Rìoghail nan Ealain (HRSA) agus an RIAS de Shomhairle MacGill-Eain an 1996. |
|
Fhuair Somhairle MacGill-Eain Ceum Urramach D.Litt bho Oilthigh Ghlaschu an 1996. |
|
Chaochail Somhairle MacGill-Eain air 24mh an t-Samhain an Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis. |
|